Tubaist mhairbhteach faisg air Gairbh
- Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach a mharbhadh ann an tubaist-rathaid air an A835 faisg air Gairbh Didòmhnaich.
Bha an duine, a bha 52, a' siubhal air motar-baidhseagal Honda dearg a bhuail ann an Volvo XC70 geal.
Thachair an tubaist mu 08.35m air an A835 aig ceann rathaid an A832.
Chaidh an duine a thoirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir ach chaochail e an sin.
Fiosrachadh
Cha deach draibhear an Volvo is neach eile a bha sa chàr a ghoirteachadh.
Thuirt na Poilis gu bheil an smuaintean le teaghlach is caraidean an duine a chaill a bheatha.
Dh'iarr iad cuideachadh bho dhuine sam bith le fiosrachadh no dealbhan dashcam.
Bu chòir fios a chur air na Poilis air 101 is an àireamh '1135 15/05' a thoirt seachad.