Taisbeanadh ùr Bhlàr Sliabh a' Chlamhain

  • Air fhoillseachadh
TaisbeanadhTùs an deilbh, Chris Watt
Fo-thiotal an deilbh,
Fosglaidh an taisbeanadh Disathairne.

Tha taisbeanadh ùr dà-chànanach a' comharrachadh a' chiad phrìomh bhatal den aramach mu dheireadh aig na Seumasaich.

Rinn arm a' Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart an gnothach air feachdan an Riaghaltas fo stiùir Sir John Cope aig Blàr Sliabh a' Chlamhain - no Prestonpans - ann an Lodainn an Ear air an 21mh den t-Sultain 1745.

B' ann às dèidh seo a chaidh na Seumasaich gu deas, mus do ghabh iad an co-dhùnadh ann an Derby tilleadh a dh'Alba.

Chaidh Talla Baile Prestonpans a sgeadachadh às ùr a dh'aona-ghnothach airson an taisbeanaidh ùir, a dh'fhosglas Disathairne.

Brèagha

'S e Urras Dualchais Bhlàr Sliabh a' Chlamhain a th' air a chùlaibh. Ged a tha iad air a bhith a' cur air dòigh thachartasan fad bhliadhnaichean gus am blàr a chomharrachadh, 's e seo a' chiad uair a bhios àite aca airson taisbeanaidh mhàireannaich.

"Bha talla a' bhaile dùinte airson trì bliadhna is bha e cha mhòr a' tuiteam às a chèile", thuirt Dolina NicIllinnein, a tha na ball den urras.

"Co-dhiù fhuair an t-urras e 'son £1 sa bhliadhna agus tha e gu math brèagha", thuirt i.

Tùs an deilbh, Chris Watt
Fo-thiotal an deilbh,
Fhuair Archer is Charlotte ro-shealladh den taisbeanadh.

Tha àite mòr aig a' Ghàidhlig ann an obair an urrais agus san taisbeanadh is fhuair iad taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig.

Bidh an cànan cuideachd gu mòr an lùib thachartasan eile a tha san amharc aca.

"Tha sinn a' dol a thoirt Gàidhlig dha na sgoiltean agus a' toirt clann a-steach an seo airson innse dhaibh mu dheidhinn na Gàidhlig", thuirt Dolina.

"'S dòcha nach bi iad air a shon ach 's dòcha gum bi feadhainn eile air a shon, agus tha sinn gu bhith a' dèanamh phrògraman Gàidhlig - tha Maighread Stiùbhart a' tighinn as t-Samhradh agus a' dèanamh consairt le òrain nan Seumasach.

"'S e dìreach ag innse do dhaoine cò ris a bha e coltach", thuirt i.

Ionad

Ach chan e seo deireadh na slighe dhan urras.

Tha iad air cur romhpa ionad ùr a thogail ri taobh làrach a' bhlàir an ceann còig bliadhna.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun sin agus mun taisbeanadh ùr an seo.