Stòras Uibhist a' sireadh Oifigear Flòraidh NicDhòmhnaill

  • Air fhoillseachadh
Carragh-chuimhne Flòraidh NicDhòmhnaillTùs an deilbh, Sandy Gerrard/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Carragh-chuimhne Flòraidh NicDhòmhnaill an Uibhist a Deas.

Tha Stòras Uibhist ag amas air oifigear Gàidhlig fhastadh airson stoìridh Flòraidh NicDhòmhnaill innse.

Thathas a' comharrachadh 300 bliadhna bho rugadh bana-ghaisgeach nan Seumasach.

Dh'innis Stòras gu bheil ùidh mhòr aig daoine ann an sgeulachd Flòraidh.

Tha iad air dreuchd làn-ùine a mhaireas chun na Sultaine a stèidheachadh le taic bho Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba.

'S e cuideigin le Gàidhlig a tha iad ag iarraidh is dleasdanas gu bhith orra tachartasan a thaobh Flòraidh NicDhòmhnaill a chur air dòigh as t-Samhradh an dà chuid ann an Gàidhlig is Beurla.

Moiteil

"Seo 300 bliadhna on a rugadh Flòraidh ann an Uibhist a Deas is dh'fhàs i suas an seo is bha i a' fuireach an seo is ann am Beinn nam Fadhla mun tàinig am Prionnsa", thuirt cathraiche Stòras Uibhist, Màiri Schmoller.

"Tha fios aig a h-uile duine mu stòiridh a' Phrionnsa agus dh'fhalbh i dhan Eilean Sgitheanach agus phòs i is dh'fhalbh i dh'Aimeireaga.

"Chan eil mi cho cinnteach gu bheil fios aig daoine gun do thill i a dh'Alba, agus tha gu leòr de stòiridhean mu deidhinn.

"'S i as aithniche às Uibhist agus bu chòir sinn a bhith moiteil oirre", thuirt i.

Dh'innis Màiri gu bheil Stòras an dùil gum bi an neach a gheibh an obair a' cur air dòigh rudan mar òraidean is cuairtean, cho math ri bileagan fiosrachaidh a chruthachadh.

Togail

Bidh iad cuideachd ag obair le Taigh Tasgaidh Chill Donnain is tha plana ann air a' cheann thall gun tèid slighe a thogail eadar an taigh-tasgaidh is taigh Flòraidh NicDhòmhnaill.

Thuirt Màiri gum bi iad ag amas air togail air an obair a nì an t-oifigear.

"Feumaidh sinn tòiseachadh àiteigin agus tòiseachadh le rud beag is fàsaidh e.

"Tha stòiridh Floraidh agus am Prionnsa aig na daoine ann an Uibhist. Cha do reic iad idir e is bidh àm ann rudan a dhèanamh anns na bliadhnaichean ri tighinn cuideachd.

Feumar cur a-steach airson na h-obrach ron 29mh den Ghiblean is gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh