Cead do phort-fànais Rubha na Mòine

  • Air fhoillseachadh
Ro-dhealbh de Phort-fànais na MòineTùs an deilbh, Orbex

Chaidh cead a thoirt do phlanaichean airson port-fànais a thogail air Rubha na Mòine ann an Dùthaich MhicAoidh.

Thàinig riaghladh bho Chùirt an Fhearainn Dimàirt a tha a' toirt cead do Chroitearan Mhealanais an dòigh anns a bheilear a' cleachdadh an fhearainn atharrachadh.

Tha seo a' ciallachadh gum faodar port-fànais a thogail air fearann nan croitearan, is aig an aon àm obair croitearachd gus leantainn air talamh mun cuairt.

Air a' mhìos seo chaidh, chuir Ath-bhreithneachadh Laghail an aghaidh oidhirp bhon chompanaidh Wildlands Eta gus stad a chur air an leasachadh.

Dh'innis Wildlands às dèidh sin nach dèanadh iad ath-thagradh an aghaidh a' cho-dhùnaidh.

Chuir Oighreachd Chroitearan Mhealanais, a tha ag obair ann an co-bhanntachd leis a' chompanaidh Orbex gus an leasachadh a chur air adhart, fàilte air an naidheachd bho Chùirt an Fhearainn.

"Bha sinn bho thùs airson cothroman a chruthachadh dhan choimhearsnachd agus aig aon àm buaidh cho beag 's a ghabhas a thoirt air coltas an àite", thuirt cathraiche na buidhne, Dorothy Pritchard.

"Tha sinn mothachail mura tèid againn air cothroman a thoirt do dhaoine a bhith a' fuireach agus ag obair an seo, gun caill sinn ar coimhearsnachdan", thuirt i.

Thathas an dòchas gum falbh a' chiad rocaid an ath-bhliadhna.