Feum air luchd-smàlaidh an Uibhist is Barraigh

  • Air fhoillseachadh
Einnsean-smàlaidh

Tha Seirbheis Smàlaidh na h-Alba ag amas air barrachd dhaoine fhastadh air feadh Uibhist agus Bharraigh.

Ged a tha còig stèiseanan anns an sgìre, 's e dìreach aonan dhiubh sin aig a bheil faisg air an àireimh de luchd-smàlaidh a dh'iarradh iad.

Bidh cothrom ann tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn nan dreuchdan aig Stèisean Smàlaidh Bhaile a' Mhanaich an t-seachdain seo, agus Disathairne bidh là fosgailte an sin.

Bidh cothrom aig daoine an uairsin cuid den uidheamachd fhaicinn, agus gheibh iad mìneachadh cuideachd air dè dìreach a tha an cois na h-obrach.

Dh'innis manaidsear na sgioba ann am Beinn nam Fadhla, Danielle NicGilleBhrath, gu bheil iad gu sònraichte airson barrachd dhaoine fhaighinn airson sgiobaidhean Beinn nam Fadhla fhèin, Loch nam Madadh, agus Ceann a' Bhàigh.

Coimhearsnachd

Thuirt i gur e obair tharraingeach a th' ann is cothrom cuideachd air taic a chumail ris a' choimhearsnachd.

Dh'innis i gun rachadh fàilte a chur air tuilleadh bhoireannach.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil àite glè chudromach aig boireannaich san t-seirbheis. Tha sinn a' falbh gu cuid de ghairmean agus dh'fhaodadh e a bhith gu bheil cuideigin ann a bhiodh na bu chofhurtaile le boireannach.

"Tha mi a' smaoineachadh cuideachd gu bheil boireannaich a' toirt rudeigin gu tur diofraichte dhan sgioba.

"Tha bèibidh dìreach air a bhith agam is tha mi dìreach air tilleadh. Tha an t-seirbheis a' cumail taic rium is tha iad gam chuideachadh a thaobh uairean-obrach sùbailte is tha iad sgoinneil.

"'S urrainn do dhuine sam bith seo a dhèanamh", thuirt i.