Ceist mu chruinneachaidhean mòra aig tuath

  • Air fhoillseachadh
Cleasan teineTùs an deilbh, Maree NicNeacail

Dh'innis a' bhuidheann High Life na Gàidhealtachd nach tèid na cruinneachaidhean mòra bliadhnail ann an Inbhir Nis anns na mìosan ri thighinn air adhart, co-dhiù san riochd àbhaisteach.

Ghabh a' bhuidheann smachd air tachartasan a' bhaile as t-samhradh is thuirt iad gun robh iad ag obair air "prògram beòthail".

Thuirt iad ge-tà, gu bheil sgeama nan teisteanasan banachdaich agus mar a tha cùisean de Chovid-19 air a' Ghàidhealtachd ag èirigh, a' fàgail nach bi e comasach dhaibh a dhol air adhart leis a' phrògram sin.

Bheir seo buaidh air tachartasan mar chruinneachadh Oidhche Shamhna an Eileanan Nis, na cleasan-teine ann am Pàirc a' Bhucht, lasadh nan solas Nollaige, agus an Red-Hot Highland Fling aig a' Bhliadhn' Ùire.

"Air iomadh adhbhar, cha bhi e comasach na cruinneachaidhean ris an robh dùil a dhèanamh sa chruth àbhaisteach", thuirt Manaidsear Thachartasan High Life na Gàidhealtachd, Amy NicLeòid.

Sàbhailteachd

"Tha sinn ag obair ri buidhnean eile feuch dè dìreach a bhios comasach, ach feumaidh mi a dhèanamh soilleir gur e slàinte is sàbhailteachd a' phobaill is luchd-obrach an rud as cudromaiche, is gum bi am prògram air a dhealbh timcheall air sin", thuirt i.

Thuirt i gun tig brath eile bhon bhuidhinn nuair a tha am fiosrachadh às ùire aca bho Riaghaltas na h-Alba.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheilear a' coimhead ri dòighean gus leigeil le teaghlaichean amannan sònraichte den bhliadhna a chomharrachadh, ach gun a bhith a' cruinneachadh ann an àireamhan mòra.

Aig an dearbh àm, dh'iarr NHS na Gàidhealtachd air daoine às ùr a bhith mothachail mu àireamhan àrd de Chovid san sgìre.

Thuirt iad gum bu chòir do dhaoine feuchainn gun a bhith a' measgachadh ri feadhainn eile nuair as urrainn dhaibh sin a sheachnadh.