'Roghainn eile' a thaobh sheirbheisean-iùil

  • Air fhoillseachadh
Plèana

Tha ceist às ùr mu phlanaichean HIAL gus seirbheis-iùil nam pleanaichean a thoirt còmhla ann an Inbhir Nis is a' chompanaidh air innse gu bheilear a' coimhead ri roghainn eile.

Bha na planaichean connspaideach bho thùs is draghan ann mun bhuaidh air coimhearsnachdan eileanach a chailleadh obraichean, is ceist air feadhainn cuideachd mu shàbhailteachd.

Rinn na h-aonaidhean strì an aghaidh nam planaichean is sreath de stailcean air a bhith aig buill Phrospect, is tha Comhairle nan Eilean Siar cuideachd am measg na tha a' cur gu làidir an aghaidh nam molaidhean.

Bha HIAL fhèin a' cumail a-mach bho thoiseach gnothaich nach robh dol às ann ach an t-seirbheis-iùil ùrachadh is gur e an toirt còmhla ann an Inbhir Nis an dòigh as fheàrr sin a dhèanamh.

Ann am brath a thàinig bho HIAL is Prospect còmhla, chaidh innse gu bheil an dà bhùidheann a' coimhead ri "roghainn eile" a thaobh sheirbheisean-iùil.

Dh'innis iad gun robh còmhraidhean adhartach aca Dihaoine is gu bheil coinneamhan gus leantainn.

Thuirt iad gun rachadh moladh sam bith a thigeadh às na còmhraidhean air beulaibh bhall Phrospect agus feadhainn a tha ag obair còmhla ri HIAL.

Dhearbh Prospect gu bheil iadsan air aontachadh nach bi an tuilleadh stailcean ann fhad 's a tha na còmhraidhean seo a' dol air adhart.

Làidir

Bha Cathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, air innse às dèidh coinneimh le HIAL an t-seachdain seo chaidh gun robh dòchas aige fhathast gun gabhadh stad a chur air na planaichean, is gun robh e a' faireachainn gun robh HIAL ag èisteachd.

Thuirt e gu bheil e air a mhisneachadh leis a' char às ùr.

"Tha mi air a bhith suas ri còig bliadhna deug nam chomhairliche is chan fhaca mi iomairt cho làidir a-riamh an aghaidh rud sam bith 's a rinneadh timcheall a' chuspair seo", thuirt an Comh. Robasdan.

"Chan eil mòran fiosrachaidh aig an ìre seo againn dè tha dùil aca dèanamh ach 's e rud math a th' ann gu bheil iad a' coimhead air seo a-rithist", thuirt e.

Dh'innis an Comh. Robasdan gun robh luchd-obrach HIAL fhèin den bheachd bho thùs gun robh feum air siostam na seirbheis-iùil a leasachadh is nach deach an teicneolas ùrachadh bho chionn fhada.

Thuirt e gum bu chòir sin a dhèanamh gun chosnaidhean a bhith air an gluasad às na h-eileanan.

"Tha mi an dòchas gun tig na h-obraichean math a tha seo ann an Steòrnabhagh is Beinn nam Fadhla agus anns na h-àitichean eile a chumail, agus gun tig sinn gu àite far an urrainn dhuinn an teicneolas a bheir air adhart ach gum bi na h-obraichean math a tha seo air an cumail anns na sgìrean seo.

"Tha e gu math comasach gun tachair sin", thuirt e.