FAI an Louisa a' cluinntinn bhon sgiobair eadar-amail

  • Air fhoillseachadh
Bàt'-iasgaich an Louisa

Chuala rannsachadh tubaist bhàsmhor mu mar a chaill triùir am beatha nuair a chaidh am bàt'-iasgaich an Louisa fodha bho fhear a bha na sgiobair eadar-amail.

Chaidh am bàta fodha far Mhiùghlaidh anns a' Ghiblean 2016.

Air a' chiad là den rannsachadh aig Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann, chuir neach-casaid a' chrùin, Dàibhidh Clancy, grunn cheistean air Dàibhidh Brown, mu shàbhailteachd air bòrd.

Chaidh ùine a chur seachad a' beachdachadh air a' ghlag èiginn a bh' anns a chaban far an robh an criutha a' cadal, agus a bha air a chur dheth ùine ron tubaist.

Chualar fianais cuideachd mun hose a bh' air an deic 's a chaidh fhàgail air tron oidhche, le Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara air co-dhùnadh roimhe gur e sin an t-adhbhar a bu choltaiche a lìon an Louisa le uisge agus gun deach i fodha.

Chaill an sgiobair Pòl Alliston à Leòdhas, Crìsdean Moireasdan às na Hearadh agus Màrtainn MacIain à Hàcraig am beatha nuair a chaidh an Louisa fodha air an 9mh là den Ghiblean 2016.

Thàinig Lachlann Armstrong beò às an tubaist, às deidh dha faighinn gu tìr agus chaidh a thogail far chreag le heileacoptair nam Maor-Cladaich.

Tha dùil gum mair a' chiad phàirt den rannsachadh ceala-deug.