Leasachadh san amharc aig Raon Nibheis

  • Air fhoillseachadh
Raon NibheisTùs an deilbh, Andy Gray

Dh'innis ceannardan na companaidh Raon Nibheis ann an Loch Abar gu bheil iad ag obair air planaichean 'son an làrach a leudachadh.

Dh'fhaodadh taigh-òsta ùr agus ionad sreap a-staigh a bhith mar phàirt den leasachadh.

Nochd an naidheachd aig deireadh na seachdain sa chaidh nuair a chaidh slighe rothaireachd beinne ùr, 8 cileameatair a dh'fhaid, fhosgladh an sin.

"Le barrachd dhaoine a' fuireach san dùthaich airson saor-làithean, tha fear de na samhraidhean is trainge riamh air a bhith againn," thuirt àrd-stiùiriche Raon Nibheis, Chris O'Brien is e a' bruidhinn aig fosgladh na slighe.

"Tha planaichean againn, a dh'ainmicheas sinn, airson taigh-òsta, bunkhouse, taigh-bidh ùr, goireasan cùram-chloinne, balla-sreap a-staigh, bùth rothaireachd ùr agus làrach fhasgach airson thachartasan.

"'S e seo a chiad phàirt de phlana leasachaidh fom bu chòir gun tèid timcheall air 50 dreuchd a chruthachadh thar na dà bhliadhna a tha romhainn," thuirt e.