Duine a dhìth ann am Baile a' Chaolais

  • Air fhoillseachadh
Patryck LipinskiTùs an deilbh, Police Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Patryck Lipinski

Tha iomairt teasairginn a' dol airson fireannach aois 21 a lorg às dèidh dhan chàr aige a bhith air a lorg ann am Baile a' Chaolais.

Chaidh an càr dearg Hyundai i20 aig Patryck Lipinski a lorg anns a bhaile Didòmhnaich.

Tha dùil gun do shiubhail Mgr Lipinski an sin bho a dhachaigh ann am Both Chèit eadar oidhche Shathairne agus madainn Dhidòmhnaich.

Tha e 6tr 3òr. a dh'àirde, caol le gruag ghoirid bhàn.

Nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh, bha seacaid dhubh, briogais ghorm agus brògan Adidas air.

Thuirt an t-Inspector Judy Hill bho Phoileas Alba gu bheil iad iomagaineach mu Phatryck agus gu bheil iad ag obrachadh còmhla ris na maor-chladaich, sgiobaidhean teasairginn nam beann agus Seirbheis Smàlaidh na h-Alba, ann an oidhirp lorg fhaighinn air.

"Ma tha fiosrachadh sam bith agaibh a chuidicheadh sinn, no ma tha sibh a' smaointinn gum faca sibh e no gu bheil dealbhan dashcam no stuth air CCTV prìobhaideach agaibh, cuiribh fìos gu 101," thuirt an t-Insp. Hill.