Pàirce Nàiseanta ùr, ach càite?
- Air fhoillseachadh

Thèid "co-dhìu aon" Phàirce Nàiseanta ùr a stèidheachadh an Alba ro dheireadh an t-seisein phàrlamaid seo mar phàirt dhen aonta eadar an SNP agus Pàrtaidh Uaine na h-Alba.
Tha dà phàirce ann an-dràsta sa Mhonadh Ruadh agus an Loch Laomainn is nan Tròisichean a chaidh a cruthachadh faisg air 20 bliadhna air ais.
Tha e buailteach gum biodh pàirce ùr nas lugha na na dhà a th' ann an-dràsta.
Rinn a bhuidheann Iomairt airson Pàircean Nàiseanta na h-Alba gàirdeachas ris a naidheachd.
"Tha cruth-tìre agus seallaidhean àlainn againn an Alba agus tha e na iongnadh nach eil againn ach an dà phàirce naiseanta an-dràsta," thuirt John Mayhew, Manaidsear Pròiseict airson Ro-innleachd Pàircean Nàiseanta na h-Alba.
"Bu chòir barrachd dhiubh a bhith an Alba," thuirt e.
Molaidhean
Chaidh molaidhean a dhèanamh ann an 2013 air seachd sgìrean far am biodh e coltach Pàirce Nàiseanta stèidheachadh:
- Beinn Nibheis/Gleann Comhainn/Am Monadh Dubh
- Beanntanan Chrìochan na h-Alba agus na Cheviots
- Gall Ghàidhealaibh
- Pàirce na Mara agus nan Cladaichean
- Gleann Afraig
- Taobh Siar Rois
- Na Hearadh
Thuirt Mgr Mayhew gun robh iad gu math eadar dhealaichte agus thàinig diofar bheachdan a-mach às gach sgire.
"Chaidh dà iomairt a chuir air bhonn ann an Gall Gàidhealaibh agus anns na Crìochan is cha robh dùil againn ris a sin," thuirt e.
"Chan obraich e ach ma dh'aontaicheas a h-uile duine gu nàiseanta, ach feumaidh taic a bhith anns an sgìre fhèin air a shon."
Le inbhe Pàirce Nàiseanta chithear atharrachaidhean san sgìre sin.
"Bu chòir gum biodh glèidhteachas a bharrachd air nàdar agus air an tìr," thuirt Mgr Mayhew.
"Bu chòir gum biodh barrachd nithean air a chur air doigh do luchd-tadhail agus leasachadh gu h-ionadal ach às aonais a bhith a' milleadh an dearbh rud a tha daoine a' tighinn a dh' fhaicinn.
"'S e rud doirbh a th' ann a h-uile sian a tha sin a dhèanamh gu cothromach," thuirt e.
Draghan
Tha draghan air cuid ge-tà, nam measg NFU na h-Alba.
Thuirt cathraiche sgìre Dhùn Phris is Gall Ghàidhealaibh an NFU, Cailean Fearghasdan, aig a bheil tuathanas faisg air Baile Ùr nan Stiùbhartach, gun robh an t-Aonadh ag iarraidh cinnt gum biodh pàirce ùr na bhuannachd do ghniomhachasan àiteachais agus an eaconomaidh dùthchail.
Thuirt Mgr Fearghasdan nach robh dearbhadh ann fhathast air an robh e freagarrach agus na mhiann dhaibhsan a bha an-sàs ann an àiteachas.
"Chan eil e soilleir fhathast do NFU Alba dè na buannachdan a bharrachd a thigeadh bho phàirce nàiseanta san sgìre ach leanaidh sinn oirnn a bhith ga dheasbad le daoine agus buidhnean san sgire," thuirt Mgr Fearghasdan.