Dòchas gun tèid coimhead às ùr air planaichean Champas Bharraigh

  • Air fhoillseachadh
Hub Bharraigh 's Bhatarsaigh

Tha cuid ann am Barraigh is Bhatarsaigh an dòchas gun tèid ath-bheachdachadh air plana connspaideach campas mòr coimhearsnachd a stèidheachadh ann am Bàgh a' Chaisteil.

Bhiodh cha mhòr gach goireas agus seirbheis phoblach air an togail còmhla air an aon làraich aig a' champas.

Nochd e an t-seachdain sa chaidh gun tàinig àrdachadh faisg air £30m air cosgais a' phròiseict - bhon £53m a bhathar a' smaoineachadh a chosgadh e.

Bha e riamh a' sgaradh bheachdan sa choimhearsnachd - le dragh ann mu ghoireasan cùraim agus sàbhailteachd cloinne.

Foghlam

'S e foghlam na cloinne as motha a tha a' dèanamh dragh do Dhòmhnall Uilleam MacLeòid.

"Tha an sgoil a th' againn an-diugh, chaidh an tè sin a thogail le molaidhean gun robh sinn a' dol a dh'fhaighinn amar-snàmh agus a h-uile sgath de na rudan sin - bha iad sa chiad phlana is chaidh an uair sin na rudan sin fhagail às nuair a bha iad gann de dh'airgead.

"Agus 's e an aon rud a tha a'dol a thachairt a-rithist", thuirt Mgr MacLeòid.

"Tha na goireasan sin againn mar a tha sinn an-dràsta ach ma leagas iad a h-uile sian, cha bhi dad againn.

"Chan eil a h-uile goireas sean, tha an t-amar-snàmh glè mhath agus tha mi creidsinn nach eil e mòran seachad air 10 bliadhna bhon a chaidh an t-ionad spòrs a leasachadh.

Riatanach

"Tha e fìor riatanach gun cur iad a' chlann air thoiseach air a h-uile rud," thuirt e.

"Tha iad air gu leòr teagaisg a chall san dà bhliadhna a th' air a dhol seachad, an uair sin 's dòcha bliadhnaichean a bhith romhainn den a seo.

"Ged a tha iad a' gealltainn dà bhliadhna, dè an ùine a bhios ann no am faigh sinn na th' againn an-dràsta aig deireadh ghnothaich.

"Mar a chunnaic sinn leis a' phandemic 's ann a' feuchainn ri rudan a chumail bho chèile a tha iad, chan e idir gan cur còmhla.

"Ma thèid an t-ionmhas a chosg dòigheil tha sin ceart gu leòr.

"Feumar coimhead air a phròiseact air fad.

"Feumar coimhead air a thogail an àiteigin a bharrachd air Bàgh a' Chaisteil air sàilleibh nuair a tha thu a' leagail a h-uile sian a th' agad tha thu a' fagail an smachd aig daoine eile an uair sin.

Èisteachd

"Bhithinn an dòchas gun urrainn dhaibh ge bith gu dè a tha iad a' dol a thogail, a thogail ri taobh an rud eile a bhith a' dol, airson gun urrainn dhan chloinn cumail a' dol dhan sgoil mar a tha iad gus am bi an sgoil ùr deiseil.

"Tha mi smaointinn gu bheil e barrachd anns na naidheachdan a-nis agus bhiodh sinn an dòchas gum bi barrachd èisteachd a' dol." thuirt Mgr MacLeòid.

Thuirt a' bhuidheann Hub North Scotland, a tha ag obair còmhla ri Comhairle nan Eilean Siar agus am Bòrd-slàinte, gu bheil Brexit agus suidheachadh Chovid air cur ri pròiseact a bha dùbhlanach bho thùs.

Tha ath-sgrùdadh a-nis ga dhèanamh air gach ceum den phròiseact feuch an gabh cosgaisean a lùghdachadh agus am measg sin, bithear a' coimhead às ùr air dè na goireasan a bhios air an làraich.