Cosgaisean leasachaidh sgoiltean air a' Ghàidhealtachd air èirigh

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid innse do chomhairlichean na Gàidhealtachd an t-seachdain seo gu bheil na cosgaisean airson còig sgoiltean anns an sgìre a leasachadh air a dhol an-àirde còrr is £10 millean. 

Tha a' chomhairle airson bun-sgoil ùr a thogail an àite an fheadhainn a th' ann anns a' Mhanachainn, Dùn Bheagain, Inbhir Ghòrdain (bun-sgoil na Pàirce), sgoil shònraichte Naomh Chliamhain an Inbhir Pheoftharain, a bharrachd air leudachadh agus leasachadh a dhèanamh air Acadamaidh Chùil Lodair. 

Dh'innis cathraiche Comataidh an Fhoghlaim, an Comh. Iain Fionnlasdan, gur e Brexit agus cosgais is cion stuth togail a bu choireach gun cosg an obair còrr is £60m.

"Tha fìos aig a h-uile duine gu bheil cosgais a h-uile rud a' dol suas an-dràsta air sgath Bhrexit agus Chovid," thuirt An Comh. Fionnlasdan.

"'S e tuairmse a bh' anns na cosgaisean a fhuair sinn roimhe seo ach a-nis tha fios againn nas fheàrr dè a' phrìs a bhios ann.

"Tha e gu math cudromach gun cùm sinn a' dol le pròiseactan bun-sgoile air feadh na Gàidhealtachd agus tha fios agam fhèin san Eilean Sgitheanach gu bheil tòrr phàrantan agus sgoilearan gu math toillichte mu dè tha a' dol a bhith a' tachairt an Dùn Bheagain agus anns an Àth Leathainn.

"Tha mi an dòchas gum bi sgoiltean ùra againn ann an 2024 no 2025," thuirt e.