Rannsachadh tubaist bhàsmhor an Louisa a' tòiseachadh

  • Air fhoillseachadh
Bàt-iasgaich an Louisa

Tòisichidh rannsachadh tubaist bhàsmhòr ann an Dùn Èideann air Diluain an 6mh den t-Sultain mu thubaist anns an deach triùir iasgairean a bhàthadh far Mhiùghlaidh anns a' Ghiblean 2016.

Chaidh sgiobair a' bhàt-iasgaich an Louisa, Pòl Alliston à Leòdhas, agus dithis dhen chriutha, Crìsdean Moireasdan às na Hearadh agus Màrtainn MacIain bho Ghallaibh, a bhàthadh nuair a chaidh am bàta fodha.

Shàbhail aon dhen chriutha, Lachlainn Armstrong, a fhuair gu tìr agus a chaidh a thogail far chreag le heileacoptair nam Maor-Chladaich.

Bha an Louisa aig acair nuair a chaidh i fodha far Mhiùghlaigh tràth sa mhadainn air an 9mh là dhen Ghiblean 2016.

Cho-dhùin aithisg bho Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara ann an 2017 gun do dh'adhbraich sreath de mhearachdan bàs an triùir bhon bhàt-iasgaich.

Thog aithisg an MAIB air ràth-sàbhalaidh nach do dh'obraich, seacaidean sàbhalaidh nach robh a' cumail cinn nan iasgairean às an uisge, agus dàil air na seirbheisean teasairginn faighinn gu làrach na tubaiste.

Seo an tubaist mara a bu mhiosa a thachair anns na h-Eileanan an Iar ann an còrr is leth-cheud bliadhna.

Tha dùil gum mair a' chiad phàirt dhen rannsachadh aig Cùirt an t-Seisein cola-deug.