Duine a bhàsaich ann an tubaist air ainmeachadh

Published

Tha na poilis air fireannach à Moireibh a bhàsaich às dèidh dhan mhotar-baidhg aige bualadh ann an bhana Dimàirt ainmeachadh.

B' e Paul Fairbairn, 44, à sgìre Ràthais, a bhàsaich anns an ospadal às dèidh na tubaist air an A941.

Ann an teachdaireachd bho Phoileas Alba, thuirt an teaghlach aige gum biodh "ionndrainn mòr" air.

Thuirt na poilis gu bheil iad a' sgrùdadh na tubaist, a thachair faisg air Fogwatt.