Càineadh airson dachaigh-cùraim

Published
image copyrightThinkstock

Chaidh dachaigh-cùraim do sheann daoine anns a' Ghearasdan a chàinadh gu dona ann an aithisg ùir bho Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim.

Tha an aithisg gu math eu-coltach ri tè eile mu Chastle Gardens ann an Inbhir Ghòrdain far an do bhàsaich grunn dhaoine le Covid na bu tràithe ann an 2021.

'S ann le HC One, a' chompanaidh dachannan-cùraim as motha ann am Breatainn, a tha an dà dhachaigh-cùraim agus tha iad am measg 50 dachaigh a tha iad a' reic.

Anns na h-aithisgean mu dheireadh airson Pàrlamaid na h-Alba mu sheirbheisean cùraim air feadh na dùthcha, a chaidh a dhèanamh air sgàth a' phandemic, chaidh a ràdh gun robh dachaigh-cùraim Moss Park anns a' Ghearasdan "lag" anns a h-uile seirbheis a a bha iad a' toirt do luchd-còmhnaidh.

Luchd-obrach

Thuirt an luchd-sgrùdaidh nach robh gu leòr luchd-obrach ann airson cùram math, sàbhailte a thoirt seachad - ach chaidh a ràdh gun tàinig piseach air àireamhan luchd-obrach nuair a thadhail iad airson an dàrna turas às dèidh dhaibh litir a chur thuca.

Chàin iad cuideachd planaichean cùraim an luchd-còmhnaidh, is iad ag ràdh nach robh iad freagarrach, gu h-àraid ann an suidheachaidhean èiginn.

Cho-dhùin iad cuideachd gum bu chòir suidheachadh a' PhPE a leasachadh.

Chaidh Castle Gardens ann an Inbhir Ghòrdain, far an do bhàsaich 19 daoine le Covid, a mholadh ge-tà.

Chaidh an t-àite a mheas "math" anns a h-uile roinn a chaidh a sgrùdadh.