"Beachdaichibh a-rithist" air Urras na Gàidhlig

Published

Tha buidheann-strì Gàidhlig sna h-Eileanan an Iar, Guth nan Siarach, ag iarraidh air Rùnaire ùr an Fhoghlaim coimhead a-rithist ri urras airson na Gàidhlig a stèidheachadh.

Bha urras airson coimhearsnachd na Gàidhlig anns na h-eileanan 's na sgìrean traidiseanta Gàidhealach mar phrìomh mholadh bhon rannsachadh Staing na Gàidhlig anns a' Choimhearsnachd Dhùthchasaich a rinn an t-Oll. Conchúr Ó Giollagáin 's feadhainn eile.

Dhiùlt an Riaghaltas sin, ach tha còir aca coimhead a-rithist, a rèir Guth nan Siarach.

"Tha sinn air a bhith a' feitheamh faisg air bliadhna a-nis, bho thàinig leabhar Ó Giollagáin a-mach, far an robh iad a' moladh urras," thuirt Jane NicLeòid, bhon bhuidhinn.

"Gàidhealtachd"

"'S bha sinn ag ràdh "uill bidh seo math. Nì seo feum agus 's urrainn dhuinn ar guailnean a chur ris".

"'S rinn Alasdair Allan tòrr conaltraidh air agus mhol e gun cumadh iad a' dol a' coimhead ris co-dhiù.

"Ach ron Taghadh, thuirt iad nach robh iad a' dol a bhodraigeadh, agus cha robh adhbhar làidir air a thoirt seachad.

"Tha sinn ag iarraidh gun smaoinich iad a-rithist. 'S dòcha gun robh sin ceàrr, airson bha sin air a dhèanamh ann an cabhag.

"Agus an uair sin aig àm an Taghaidh bha iad a' bruidhinn air "Gàidhealtachd" 's chan eil duine a' tuigs' dè tha sin a' ciallachdh no dè feum a bhios ann.

"Bha tòrr ghealltanas ann nach eil 's dòcha a' dol a thighinn gu càil 'son tòrr Ghàidheal air feadh Alba.

"Tha sinne airson gu bheil iad a' tuigsinn cho cudromach 's a tha seo.

"'S e gealltanas gu math farsainn a th' ann an "Gàidhealtachd". 'S e inbhe a th' ann, ach chan eil sin a' dol a dhèanamh càil dhuinne.

"'S dòcha gum bi e math dha turasaich. 'S dòcha gum bi barrachd air a dhèanamh aig a' Chomhairle tron Ghàidhlig.

"Ach chan eil càil a dh'fhios am biodh obraichean Gàidhlig, no an urrainn dhaibh càil a dhèanamh airson nan Gàidheal bho thùs.

"Tha feum air rud sònraichte, agus ann an dòigh bu chòir dha a bhith nas fhasa dhuinne.

"Ma tha sinne sàbhailte, saoilidh mi gu bheil barrachd teansa gu bheil a h-uile duine eile sàbhailte cuideachd.

"Mura h-eil sinne sàbhailte, dh'fhaodadh Bòrd na Gàidhlig falbh an ath-bhliadhna.

"Dh'fhaodadh Alba a ràdh "ach uill dragh mu dheidhinn na Gàidhlig"," thuirt i.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad "ag obair gu dlùth le farsainneachd de bhuidhnean gus a bhith cinnteach gun cluinnear beachdan nan coimhearsnachdan Gàidhlig" agus gu bheil iad ag obair gus "bun-stèidh sheasmhach a chruthachadh don chànan san àm ri teachd".