Taic do bhuidhnean eileanach

Published
image copyrightHIE
image captionTha Urras Oighreachd Ghabhsainn am measg nam buidhnean a fhuair taic bho HIE.

Fhuair deich buidhnean coimhearsnachd anns na h-Eileanan Siar taic de £320,141 bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean airson an cuideachadh às dèidh a' Ghlasaidh.

Cuiridh maoin Bhun-stuctair Turasachd fo Stiùir nan Coimhearsnachdan (CLTI) taic ri pròiseictean air feadh nan eilean.

Tha cuideachadh airson faighinn cuidhteas salchar bhanaichean-campachaidh, leasachadh taighean-beaga agus taic airson cleachdadh baidhseagan-dealain a bhrosnachadh am measg nam planaichean a fhuair taic.

Oighreachd Ghabhsainn

Fhuair Urras Oighreachd Ghabhsainn £91,260 airson leasachaidhean a-muigh.

Thuirt Àrd-Stiùiriche na buidhne, Lisa NicIllEathain, gun cuidich an t-airgead a thaobh a bhith a' dèanamh an àite nas tarraingiche dha luchd-tadhail agus daoine a tha a' fuireach anns an sgìre.

Na Hearadh

Fhuair Urras Taobh Siar na Hearadh £127,718 airson àite campachaidh ann an Seileabost a leasachadh.

Cleachdaidh Cluba Goilf na Hearadh airgead a fhuair iad airson goireasan aig an raon agus astarachadh sòisealta a leasachadh.

Taobh Siar Leòdhais

Air taobh siar Leòdhais, cleachdaidh Urras Coimhearsnachd Bhradhagair agus Arnoil taic airson Ionad Ghrinneabhait a dhèanamh sàbhailte a thaobh Covid agus togaidh iad goireas ullachaidh is ithe bìdh a-muigh.

Tha Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Bheàrnaraigh a' faighinn taic le an amas na taighean-beaga aig Tràigh Bhòstaidh a chumail fosgailte 24 uairean san là.

Ùig

Ann an Ùig, cuiridh Urras Coimhearsnachd a' Ghallain Ùigich àiteachan suidhe is ithe air dòigh agus fhuair Urras Leasachaidh Ùige £6,600 airson àirigh a leasachadh do luchd-coiseachd eadar Ùig agus na Hearadh.

Cosgaidh Urras Leasachaidh Uibhist a Tuath airgead airson goireasan ùra ann an Loch na Madadh agus leasaichidh Clòimh Uibhist Eta. na goireasan aca cuideachd.

Fhuair Slighe Oirthir an Rubha agus Shanndabhaig airgead airson baidhseagan-dealain a cheannach a bhios ri fhaotainn do luchd-turais agus daoine às an àite.