Molaidhean mu sheirbheisean aiseig bho ChnES

Published

Dh'fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar fiosrachadh mu na molaidhean a chuir iad mar phàirt de litir gu Nicola Sturgeon ann an oidhirp fuasgladh fhaighinn air suidheachadh nan aiseagan.

Anns an litir bho Cheannard na Comhairle, Ruairidh MacAoidh, agus Cathraiche na Còmhdhail, Ùisdean Robasdan, tha iad a' cur air adhart liosta de mholaidhean a thathar ag iarraidh coimhead ris san ùine ghoirid agus san ùine fhada.

Thar ùine ghoirid (eadar seo is 2022) tha iad a' moladh:

  • An MV Pentalina a chur eadar Creag an Iubhair agus an t-Òban agus leigeadh sin leis an MV Coir' Uisg tilleadh chun na seirbheis eadar Malaig is Armadal. Shaoradh sin an MV Lord of the Isles airson seirbheis a thoirt do dh' Uibhist a Deas a-mhàin.
  • Bàta bathair a chur air an t-slighe bathair tron oidhche gu Steornabhagh a dh'fhàgadh an MV Loch Seaforth saor airson trì seòlaidhean a-null is a-nall gach là.
  • Seòlaidhean anmoch a bharrachd a chur air dòigh oidhche Haoine eadar Ùige is Loch nam Madadh fad an t-seusain thraing agus an tabhainn aig prìs 10% nas saoire do làraidhean bathair leithid mar a tha a' tachairt eadar Steòrnabhagh is Ulapul.
  • Catamaran a tha Comataidh Aiseig Mhuile is Eilean ì air moladh a cheannach airson na seirbheis a Mhuile, airson dèanamh cinnteach gum fuirich an MV Lord of the Isles air seirbheis Uibhist a Deas.

Thar ùine fhada (eadar 2023-2028) tha iad a' moladh:

  • Nuair a gheibhear soitheach 802 ann an seirbheis bu chòir coimhead air bàta fa-leth airson gach seirbheis eadar Ùige is an Tairbeart agus Ùige is Loch nam Madadh. Le seirbheis Uibhist a Tuath a' faighinn bàta-aiseig le deic fhosgailte freagarrach airson bathair. Thilleadh an t-seirbheis tron gheamhradh gu aon bhàta a' ciallachadh gum biodh bàta na Hearadh saor a chleachdadh nuair a bhiodh bàtaichean eile san doca-tioram.
  • Bàta-aiseig ùr a chur an àite an MV Lord of the Isles a tha air a bhith ann an seirbheis bho 1989 airson seirbheis Loch Baghasdail.
  • Bàta-aiseig ùr a chur an àite an MV Isle of Lewis a tha air a bhith ann an seirbheis bho 1995, le bàta is deic fhosgailte freagarrach airson seirbheis Bharraigh.
  • Bàta-aiseig ùr a chur an àite an MV Loch Àlainn.
  • Bàta-aiseig ùr a chur an àite an MV Loch Portain airson Caolas na Hearadh. Ghabhadh an MV Loch Portain an uairsin a chleachdadh air slighe eile no a bhith air a cumail mar dàrna bhàta air an t-slighe sin.

Thathar air amannan a ghabhadh gach moladh a choileanadh a chur ris gach puing.

Beachdan Eileanach

Tha an litir ag ràdh gu bheil na bliadhnaichean a chaidh seachad air dearbhadh nach urrainn co-dhùnaidhean mu sheirbheisean aiseig nan Eilean a bhith air an gabhail ceart à Glaschu, Dùn Èideann neo à Inbhir Chluaidh, 's gum feum èisteachd a bhith air a toirt dha beachdan eileanach fhèin.

"Tha eisimpleirean againn de ghnìomhachasan turasachd a th' air fulang le daoine ag atharrachadh nam planaichean aca air sàilleibh nach eil earbsa aca anns na seirbheisean còmhdhail", tha iad ag ràdh.

"Thug Covid-19 buaidh mhòr air mòran a tha an sàs ann an gnìomhachasan turasachd agus aoigheachd, agus chan eil e idir ceart nach urrainn dhaibh tilleadh air ais chun àbhaist air sgàth uireasbhaidhean le seirbheisean aiseig".

A thuilleadh air turasachd, tha an litir cuideachd a' togail air a' chron a tha suidheachadh nan aiseagan a' dèanamh air gnìomhachasan giollachd èisg.

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar coinneamh leis a' mhinistear air am bi dleastanas nan aiseagan gu sgiobalta nuair a thèid an neach sin ainmeachadh.