Deasbad mu Hub Bharraigh is Bhatarsaigh a' leantainn

Published

Nochd còrr air 70 duine aig coinneimh air-loidhne airson bruidhinn mu litir a chaidh a sgrìobhadh chun Leas-Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney, mun Hub coimhearsnachd a th' air fàire ann am Barraigh.

Bheireadh an Hub goireasan foghlaim, slàinte, spòrs is eile còmhla air an aon làraich.

Chaidh athchuinge a thòiseachadh bho chionn cola-deug ag iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar, a bhiodh mar phàirt mhòr dheth, beachdachadh a-rithist air na planaichean.

Ach, san litir, a sgrìobh Cathraiche Comhairle Choimhearsnachd Bhàgh a' Chaisteil, Brian MacMhuirich, gu Mgr Swinney, thathar ag ràdh gu bheil comhairlichean-coimhearsnachd am Barraigh gu "h-aona ghuthach ag aontachadh gur e an Hub an rud as fheàrr dhan eilean air fad".

Tha cuid a' ceasnachadh ùghdarras na litreach ge-tà.

Chaidh ceistean a chuir air Mgr MacMhuirich aig a' choinneimh mun litir, leis nach deach a cur mu choinneimh a' chòrr den chomhairle choimhearsnachd, 's cha robh fios aig mòran dhiubh mu deidhinn gu cola-deug air ais.

Dragh

'S ann a' togail air litir a sgrìobh am Ball-pàrlamaid Aonghas Brianan MacNèill gu Iain Swinney, a bha Mgr MacMhuirich san litir aige-san.

Bha Mgr MacNèill a' ceasnachadh carson a bha a h-uile goireas agus seirbheis ga phasgadh a-steach air an aon phìos talmhainn.

Tha Mgr MacMhuirich ag ràdh san litir aige-san gu bheil e "a' sgrìobhadh le fìor ìmpidh" an dèidh dha sealbh fhaighinn air litir Mhgr MhicNèill agus e ag iarraidh gun coinnicheadh Mgr Swinney ris fhèin agus ri riochdairean eile bhon choimhearsnachd.

Thuirt Mgr MacMhuirich aig a' choinneimh gun robh dragh air gun cailleadh iad an t-ionmhas leis a' chòmhstri a bha a' dol sa choimhearsnachd mun Hub.

An dèidh na coinneimh, thuirt grunn dhaoine gu bheil gainnead fiosrachaidh ann mun leasachadh.

Chualar cuideachd gu bheil dragh air daoine gun caill an t-eilean an t-ionmhas ma chuireas iad an aghaidh an leasachaidh.