Sanjeev Gupta fo rannsachadh

Published
image copyrightGetty Images

Thòisich Oifis na Droch Fhoill rannsachadh mun duine leis a bheil leaghadair a' Ghearasdain.

Tha companaidhean Sanjeev Gupta fo amharas foill agus falach airgid.

Tha an rannsachadh a' gabhail a-steach ceanglaichean eadar na companaidhean agus a' chompanaidh ionmhais a chaidh fodha, Greensill Capital UK.

Bha Greensill a' cumail taic-airgid ri obair Mhgr Gupta.

Thuirt a' bhuidheann a tha os cionn nan companaidhean aige, GFG Alliance, gum bi iad a' co-obrachadh ris an rannsachadh.

Tha GFG ann an còmraidhean ri companaidhean ionmhais eile a thaobh iasadan èiginn. Chaidh tagradh 'son £170m bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a dhiùltadh.

Cosnaidhean

A bharrachd air leaghadair a' Ghearasdain, tha sreath de làraich eile aig GFG is Sanjeev Gupta air feadh na Rìoghachd Aonaichte is na mìltean de chosnaidhean ceangailte riutha.

Tha na mìltean acraichean fearainn aca ann an Loch Abar a bharrachd air an leaghadair fhèin.

Nochd an t-seann phrìomhaire, Dàibhidh Camshron, mu choinneimh comataidh aig Westminster Diardaoin 'son ceistean a fhreagairt mu dhreuchd a bh' aigesan mar choitiche do Greensill Capital.

Thuirt Mgr Camshron gun robh e fhèin air airgead mòr a chur a-steach dhan chompanaidh.

Dh'innis e ge-tà, gur e maith na dùthcha a bha san amharc aige nuair a bha a' coiteachadh às leth Greensill.