Cùis eile de Chovid-19 anns na h-Eileanan an Iar

Published

Chaidh an dàrna cùis ùr de Chovid-19 a dhearbhadh anns na h-Eileanan an Iar.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil seo ceangailte ris a' chùis a nochd Diciadain.

Bha iad air innse gun robh a' chùis sin ceangailte ri siubhail gu Tìr-Mòr.

B' i a' chiad chùis a bha san sgìre bhon Mhàrt.

Dh'innis àrd-oifigear a' bhùird, Gòrdan Jamieson, gu bheil clionaigean banachdaich a' leantainn air feadh na sgìre.

Bidh clionaigean ann Dihaoine ann am Barraigh, Steòrnabhagh agus Uibhist.

Tuilleadh air an sgeulachd seo