'Bidh sinn air ar glùinean' - CnES

Published

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum bi na h-eileanan "air an glùinean" mura tig piseach air seirbheisean aiseig.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gu bheil cunnart ann aig àm nuair a tha an còrr den dùthaich a' feuchainn ris an eaconamaidh a chur air ais air a casan gun tèid am fàgail air dheireadh air sgàth staing nan aiseagan.

Choinnich iad ri CalMac agus Còmhdhail Alba Diciadain.

'S i naidheachd as fheàrr a thàinig às na còmhraidhean gu bheil dòchas ann gum bi an MV Loch Seaforth a' tilleadh dhan t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul aig toiseach na seachdain seo tighinn.

Tha an aiseag air a bhith san doc fad grunn sheachdainnean is fear de na h-einnseanan aice briste.

Ach ged a 's e faochadh a tha sin dhan Chomhairle, tha iad ag iarraidh piseach air seirbheisean san fharsaingeachd san aithghearrachd.

Tha iad cuideachd airson 's gun tèid coimhead ri cur às do dh'astarachadh sòisealta air aiseagan nan eilean airson dèanamh cinnteach gum faigh gu leòr dhaoine cothrom siubhail.

Iarrtas

"Tha sinn a' dol air an iarrtas a tha sinn a' faighinn bho air feadh na coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar", thuirt cathraiche Comataidh Còmhdhail na Comhairle, Ùisdean Robasdan.

"Tha cuideam mòr air tighinn oirnn bho bhuidheanan agus comhairlean coimhearsnachd ag iarraidh am fuasgladh seo fhaighinn.

"Thuirt Còmhdhail Alba sa choinneimh gu bheil an Riaghaltas a' coimhead air seo thairis air an ath thrì seachdainnean agus gun dèanadh iad co-dhùnadh an uairsin dè bha iad a' dol a dhèanamh", thuirt e.

Dh'aidich an Comh. Robasdan gu bheil a' Chomhairle fhèin mothachail air draghan mu shlàinte is sàbhailteachd.

Dh'innis e ge-tà, gu bheil faireachdainn làidir ann gu bheil feum air seo air adhbharan eaconomach.

"Tha sineach draghail dhuinn fhìn ach an rud a dh'fheumas sinne leantainn, 's e an rud a tha a' tighinn thugainn bhon choimhearsnachd fhèin.

"Tha seo a' tighinn às a h-uile ceàrn an-dràsta, tha cuideam mòr air tighinn air a' Chomhairle bho na coimhearsnachdan seo a ghluasad suas a thaobh na h-eaconomaidh gu h-àraid, ach tuigidh sinn uile an dragh a bhiodh air daoine mun bhìoras fhèin", thuirt e.

Pentalina

Dh'innis an Comh. Robasdan gu bheil iad toilichte gu bheil an Loch Seaforth gus tilleadh a dh'aithghearr ach gu bheil e follaiseach gu bheil feum air barrachd bhàtaichean.

Thuirt e gun d'fhuair iad fios aig na còmhraidhean cuideachd gu bheil CalMac air pàipear a chur air adhart mun Phentalina fhaighinn air màl is gu bheil Còmhdhail Alba a' beachdachadh air.

'S e iarrtas a tha sin a nochd bho luchd-bathair anns na h-Eileanan an Iar air a' mhìos seo chaidh.

Thuirt an Comh. Robasdan gur e adhbhar misneachd a th' ann gu bheilear a' coimhead ris a' Phentalina.

Ann am brath, thuirt Còmhdhail Alba gu bheil iad a' tuigsinn cho cudromach 's a tha seirbheisean aiseig do choimhearsnachdan agus mar a tha troimhe-chèile air an lìonra a' toirt buaidh air luchd-cleachdaidh.

Thuirt iad gu bheil mar a thèid bàtaichean a chur gu feum an urra ri CalMac, is gu bheil a' chompanaidh air a bhith a' coimhead air dòighean gus seirbheisean do luchd-siubhail agus seirbheisean bathair dha na h-Eileanan an Iar a leasachadh.

Dh'innis iad cuideachd gum feum CalMac feumalachdan choimhearsnachdan air feadh an lìonra a chothromachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo