Clach-mhìle banachdaich sna h-Eileanan Siar

Published

Tha a-niste a h-uile duine sna h-Eileanan Siar a th' ann am buidhinn phrìomhachais airson banachdach Chovid-19 air cuireadh fhaighinn tighinn air adhart airson a' chiad dòs dhith.

Tha a h-uile duine aca air an dòs fhaighinn, air àm a chur air dòigh airson a faighinn, no air cuireadh fhaighinn air a' fòn no tron phost no gach cuid.

Tha 86.4% de dh'inbhich nan Eilean Siar air a' chiad dòs fhaighinn, 's 49.3% dhiubh a-niste air an dàrna dòs fhaighinn cuideachd.

Thugadh 31,133 dòs seachad san sgìre - 19,860 ciad dòs, agus 11,273 dàrna dòs.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gun cùm iad orra a' toirt seachad an dàrna dòs aig clionaigean air feadh na eilean, 's gum faigh feadhainn nach d' fhuair a' chiad dòs aca fhathast cothrom fhaighinn.

Dh'iarr iad air na daoine sin, leithid feadhainn a th' air tilleadh dhachaigh à Tìr-Mòr no thall-thairis, fios a chur orra airson àm a chur air dòigh.

"Agus sinn a' ruighinn na h-ìre cudromaich seo den phrògram banachdaich - prògram leithid nach fhacas riamh roimhe - 's e as cudromaiche ach an aire a thoirt dhan oidhirp mhòir sgioba a th' air a thoirt gu buil, eadar an luchd-obrach againn fhèin, na buidhnean compàirt againn, saor-thoilich agus gnothachasan ionadail air feadh nan eilean," thuirt Àrd-Stiùiriche NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson.

"Mura b' e an co-obrachadh sònraichte seo agus coimhearsnachdan a bhith a' tarraing còmhla, cha robh sinn air soirbheachadh cho mòr le prògram na banachdaich.

"Dh'fheuch sinn ris na clionaigean a dhèanamh cho ruigsinneach 's a ghabhas dhan a h-uile duine, a' tabhann dòsaichean ann an iomadh àite, air làithean eadar-dhealaichte agus aig diofar amannan den là, 's chuir freagairt a' phobaill iongnadh mòr oirnn.

"Dhèanainn moladh air cho deònach 's a tha daoine air a bhith tighinn air adhart airson na banachdaich, gus dìon a chur chan e a-mhàin orra fhèin, ach air càch.

"Tha sinn gu math taingeil dha-rìribh dhaibh," thuirt e.