Corp ga lorg ann an taigh an Duras a chaidh na theine

Published
image copyrightGoogle

Dhearbh na Poilis gun deach corp fhaighinn ann an taigh ann an Duras, aig ceann Loch Nis, a chaidh na theine air an t-seachdain seo chaidh.

Chaidh fios mun teine a chur air na seirbheisean èiginn mu 10:30f Diluain an 3mh là den Chèitean.

Chaidh an togalach a mhilleadh cho dona 's nach robh e sàbhailte don luchd-teasairginn a dhol a-steach aig an àm.

Cha deach an corp aithneachadh gu h-oifigeil fhathast, ach chaidh innse do theaghlach an duine a bha a' fuireach san taigh, Terry Glendinning.

Thuirt na Poilis CID Inbhir Nis gu bheil co-rannsachadh air na dh'adhbharaich an teine a' leantainn, eadar na Poilis, agus Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba.