Dòchas ann am Moireibh

Published

Thuirt ceannard Comhairle Mhoireibh gu bheil e den bheachd nach fhada gus am bi e comasach dhan sgìre gluasad gu Ìre 2 de riaghailtean Chovid-19.

Tha a h-uile dùil gum fuirich Moireibh ann an Ìre 3 Diluain nuair a ghluaiseas an còrr de Thìr-Mòr na h-Alba gu Ìre 2.

Thig dearbhadh air sin bho Riaghaltas na h-Alba anns na làithean ri thighinn.

Aig an ìre seo, tha cha mhòr 100 cùis de Chovid-19 ann am Moireibh 'son gach 100,000 duine.

Feumaidh an àireamh a bhith fo 50 airson Ìre 2.

Thuirt ceannard Comhairle Mhoireibh, Graham Leadbitter, gum b' fheàrr leis a' mhòr-chuid de dhaoine san sgìre a bhith a' fuireach aig Ìre 3 gus am faigh iad smachd air a' ghalar, seach gluasad sìos ìre ro thràth le cunnart gun tigeadh barrachd chùisean is gun rachadh iad air ais gu Ìre 4.

Misneachail

Thuirt an Comh. Leadbitter gu bheil e dòchasach gu bheil iad a' dèanamh adhartais.

"A' coimhead às dèidh na seachdain seo tighinn, tha mi a' smaointinn gur e làithean seach seachdainnean a bhios ann mus bi sinn ann an Ìre 2.

"Tha sinn a' sgaoileadh a-mach dheuchainnean do dhaoine gun chomharran agus a' leudachadh prògram na banachdaich do dhaoine eadar 18 is 30.

"Tha sin uile a' toirt buaidh mar-thà is tha oifigich ann an roinn na slàinte poblaich misneachail gur e dha-rìribh làithean a bhios ann seach seachdainnean", thuirt e.

Aig an aon àm, nochd dearbhadh air àireamh bheag de chùisean am measg luchd-obrach aig RAF Inbhir Losaidh.

Thuirt an t-ionad gun do nochd na cùisean tro dheuchainnean do dhaoine gun chomharran den bhìoras.

Thuirt iad gun do ghluais iad gu sgiobalta gus na daoine air a bheil am bhìoras is feadhainn a bha faisg orra a chumail fa leth, is mar sin nach robh buaidh sam bith air obair an ionaid.

Dh'innis iad cuideachd gu bheil deuchainnean lateral flow ann dà thuras san t-seachdain 'son a h-uile duine a tha ag obair aig an làraich.