Riaghaltas ùr SNP, ach gann de mhòr-chuid

Published

'S iad Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba a bhuannaich taghadh Pàrlamaid na h-Alba.

Fhuair iad 64 seat - aon gann air an 65 a dh'fheumadh iad airson mòr-chuid a bhith aca leotha fhèin.

Thuirt Nicola Sturgeon gur e "toradh eachdraidheil agus sònraichte" a bh' ann, leis an SNP a-niste gus riaghaltas a chruthachadh airson a' cheathramh turas sreath a chèile.

'S iad na Tòraidhean an ath-bhuidhinn as motha sa Phàrlamaid, 's iadsan le 31 seat.

Fhuair na Làbaraich 22, 's na Libearalaich Dheamocratach ceithir.

Neo-eisimeileachd

Tha a-niste ge-tà, mòr-chuid anns a' Phàrlamaid airson neo-eisimeileachd, 's na h-Uainich air soirbheachadh, a' faighinn ochdnar bhall - triùir a bharrachd air na bha aca sa Phàrlamaid mu dheireadh.

Tha 72 bhall a' riochdachadh phàrtaidhean a th' airson neo-eisimeileachd, le 57 a' riochdachadh phàrtaidhean a tha na h-aghaidh.

Bhòt barrachd dhaoine na bhòt riamh roimhe ann an taghadh Albannach - 63.2% dhiubhsan aig an robh cead bhòtadh.

Ann am baileat nan roinnean-taghaidh, dh'èirich cuibhreann an SNP den bhòt - suas 1.2% air na fhuair iad ann an taghadh 2016.

Thuit cuibhreann nan Tòraidhean - sìos 0.1% - agus cuibhreann nan Làbarach - sìos 1%, leis na Lib-Deamaich a' tuiteam 0.9%.

Dh'èirich cuibhreann nan Uaineach, 's iadsan suas 0.7%.

Co-obrachadh

'S e sgeulachd beagan eadar-dealaichte a th' ann ge-tà, ann am baileat nan roinnean - am baileat far an taghadh daoine buill eile 'son na roinnean aca a riochdachadh sa Phàrlamaid.

Anns a' bhaileat sin, thuit cuibhreann an SNP - sìos 1.4% - leis na Tòraidhean suas 0.6%.

Bha na Làbaraich cuideachd sìos sa bhaileat seo - a' tuiteam 1.2%, a thuilleadh air na Lib-Deamaich, sìos 0.1%.

Dh'èirich ge-tà, cuibhreann nan Uaineach - suas 1.5%.

Cha d' fhuair gin de phàrtaidhean eile, no de thagraichean neo-eisimeileach, seat.

Nam measg sin bha Pàrtaidh Alba, a stèidhich Ailig Salmond sa Mhàrt 's e ag amas air "sàr-mhòr-chuid" fhaighinn airson neo-eisimeileachd sa Phàrlamaid. Fhuair am pàrtaidh 1.7% den bhòt, 's iad a' seasamh sna liostaichean roinneil a-mhàin.

A thuilleadh air neo-eisimeileachd, bidh buaidh aig mar nach eil mòr-chuid aig an SNP air gnothaichean sna bliadhnaichean ri tighinn.

Feumaidh iad taic phàrtaidhean eile airson buidseatan agus poileasaidhean a chur troimhe.

B' e sin an suidheachadh a bh' ann sa Phàrlamaid roimhe ge-tà, leis an SNP ag obrachadh còmhla ris na h-Uainich airson grunn phìosan reachdais a chur troimhe.

Tha sin a' fàgail gur dòcha gun tèid cuid de phoileasaidhean aig pàrtaidhean eile - gu h-àraid na h-Uainich - a chur an sàs, ma tha an Riaghaltas ag iarraidh gum bhòt pàrtaidhean eile leotha.

Cha bhi ge-tà, mòr-chuid aig an Riaghaltas aig gin de chomataidhean Holyrood - 's dh'fhaodadh sin fàgail nach tèid reachdas a chur tron Phàrlamaid gun dùbhlan.