An Taghadh 2021 - buil na bhòt 's na h-Eileanan an Iar
- Air fhoillseachadh

Tha Alasdair Allan air roinn-taghaidh nan Eilean Siar a bhuannachadh do Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.
A thaobh bhòt na liosta, fhuair an SNP 6266, am Pàrtaidh Làbarach 3095, na Tòraidhean 2591, na h-Uainich 850, Pàrtaidh Teaghlaich na h-Alba 501 agus na Lib Deamaich 324.
Tha 21,992 duine sna h-Eileanan Siar a dh'fhaodas bhòtadh.
Bhòt 14,507 dhiubh an turas seo - suas 5.1%.