Bhòtaichean gan cunntadh

Published
image copyrightGetty Images

Tha cunntadh air tòiseachadh ann an Taghadh Pàrlamaid na h-Alba.

Bha na bocsaichean baileit gun am fosgladh gu madainn Dihaoine, agus an cunntadh ga dhèanamh ann an dòigh eadar-dhealaichte ri linn riaghailtean Chovid.

Ged a bhios mòran sgìrean air an gairm Dihaoine, cha bhi fios mu na liostaichean sgìreil, no dàrna leth sgìrean Ghlaschu agus Dhùn Èideann, gu Disathairne.

Mar sin, chan eil dùil ri cinnt mu chruth ùr na Pàrlamaid chun an uairsin.

Gheibhear toraidhean na Gàidhealtachd 's nan Eilean air an làraich-lìn seo mar a thig iad a-steach.