Ionad-dheuchainnean ga fhosgladh an Eilginn

Published
image copyrightGoogle

Tha ionad-dheuchainnean airson a' Choròna-bhìorais ga chur an sàs aig Acadamaidh Eilginn Dihaoine, mar phàirt den oidhirp smachd fhaighinn air sgaoileadh den ghalar ann am Moireibh.

Thathas ag ràdh nach i an sgoil a bu choireach ri mar a tha cùisean air a bhith a' dol am meud, ach tha còrr air 50 cùis dheth air a bhith am measg sgoilearan agus luchd-obrach na sgoile bhon 10mh là den Ghiblean.

Thathas ag iarraidh air a h-uile duine ann an Moireibh deuchainn Chovid fhaighinn, co-dhiù tha comharran orra gus nach eil, agus dragh ann nach eil smachd idir air mar a tha e a sgaoileadh.

Thuirt oifigich slàinte san sgìre Diardaoin gum bi an ath-sheachdain ann aig a' char as tràithe mus bi buaidh fhosgladh nan taighean-seinnse 's nan taighean-bìdhe san sgìre air sgapadh a' ghalair follaiseach.

Bha dragh orra gu bheil cus dhaoine ann am Moireibh air fàs coma co-dhiù mu na riaghailtean a thaobh astarachaidh shòisealta agus cruinneachadh a-staigh, agus fianais aca, thuirt iad, gun robh cuid air an deach iarraidh an cumail fhèin fa-leth bho chàch, nach do rinn sin.

Thuirt leas-stiùiriche slàinte a' phobaill aig NHS Roinn a' Mhonaidh, Chris Littlejohn, gu bheil an suidheachadh "a' dol am miosad gu luath" 's gu bheil an galar "a' sgapadh gu làidir, gun smachd, anns a' choimhearsnachd".

Tha ìre gannrachaidh còrr air 81 cùis anns gach 100,000 duine san sgìre an-dràsta - a' cheithir uimhir 's na th' ann an Alba san fharsaingeachd.

Thug Mgr Littlejohn rabhadh seachad gum bàsaicheadh daoine mura cuirte smachd air an t-suidheachadh, agus na tha de dhaoine gan cur dhan ospadal ann an Roinn a' Mhonaidh air a bhith a' sìor èirigh bho mheadhan a' Ghiblein.

Tuilleadh air an sgeulachd seo