Cùisean Covid ag èirigh am Moireibh na adhbhar iomnaidh

Published
image copyrightGeograph
image captionTha 48 cùis Covid co-cheangailte ri Acadamaidh Eilginn.

Tha an àireamh chùisean Covid ann am Moireibh cha mhòr ceithir tursan nas motha na tha an àireamh nàiseanta.

Tha NHS Roinn a' Mhonaidh a' cumail sùil air an t-suidheachadh agus dragh ann gu bheil cus dhaoine a' fàs coma de riaghailtean a thaobh astarachaidh shòisealta, cruinneachadh ann an dachannan agus fuireach fa leth.

Tha dragh ann gum bi an ath-sheachdain ann mas fhaicear buaidh nan taighean-seinnse agus taighean-bidh a' fosgladh.

Tha beachd ann gum faodadh gum fan an sgìre fo riaghailtean nas teanna air an 17mh den Chèitean nuair a ghluaiseas an còrr de dh'Alba gu bacaidhean ìre a dhà.

Cunnart gu bheil cuid air fàs coma

Chaidh 48 cùis a dhearbhadh co-cheangailte ri Acadamaidh Eilginn, ged 's e a' chomhairle do luchd-obrach agus do sgoilearan gu bheil e sàbhailte dhaibh a dhol dhan sgoil.

Tha dùil gun tèid na h-àireamhan an-àirde san sgìre sna beagan làithean air thoiseach ach tha an t-ùghdarras slàinte a' feuchainn ri sgapadh a' bhìorais a chuingleachadh cho mòr agus as urrainn dhaibh, agus a' tabhann dheuchainnean orrasan air nach eil comharran mar phàirt den obair sin.

Thàinig àrdachadh air an àireamh dhaoine a tha a' faighinn cùraim san ospadal, agus tha draghan ann gu bheil cus dhaoine ann nach eil a' cumail ri riaghailtean a' Choròna-bhìorais.

Tha oifigich slàinte ag ràdh gu bheil fianais ann nach eil a h-uile duine a' gabhail ri iarrtas iad fhèin a chumail fa leth agus mar sin gu bheil cunnart ann gun sgap am bhìoras.