Dragh g' eil turasachd ann an Arainn a' call airgid mhòir

Air fhoillseachadh

Tha gnìomhachasan turasachd ann an Eilean Arainn ag ràdh gu bheil iad a' call nam mìltean notaichean an dèidh do thè de na bàtaichean-aiseig a tha a' frithealadh an eilein a bhith air a chur air slighe eile.

Tha am bàta-aiseig an Isle of Arran an-dràsta ga cleachdadh airson bathar a ghiùlain eadar Steòrnabhagh agus Ulapul às dèidh dhan Loch Seaforth briseadh air a' mhìos a chaidh.

Thuirt feadhainn aig a bheil gnìomhachasan aoigheachd ann an Arainn gu bheil cuid de luchd-tadhail a-nis air roghnachadh gun a dhol dhan eilean.

Thuirt CalMac gu robh iad a' dèanamh an dìcheill seirbheisean a chumail aig ìre.

Obair-càraidh

Chaidh an Loch Seaforth - an soitheach as motha agus as luaithe ann an lìonra ChalMac - a thoirt far na slighe agus trioblaid ann leis an einnsean aice.

Tha i an dràsta ann an Grianaig airson obair-càraidh agus chan eil dùil gum bi i air ais ann an seirbheis chun 17mh den Chèitean aig a' char as tràithe.

Thàinig air CalMac bàtaichean-aiseig a ghluasad bho slighean eile airson na seirbheisean a chumail a' dol.

Am measg iad sin tha tè de na bàtaichean a bhios, mar as tric, a' frithealadh Eilean Arainn tron t-samhradh.

Tha sin a' ciallachadh gun tàinig lùghdachadh eadar-amail san àireamh sheòlaidhean eadar Àird Rosain ann an Siorrachd Adhair a Tuath agus Brodick ann an Arainn.

Thuirt CalMac gu robh iad air seirbheisean a bharrachd a chur air dòigh ann an ceann a tuath an eilein eadar Loch Raonasa agus Claonaig ann an Cinn Tìre.

Astar

Ach tha gnìomhachasan ann an Arainn ag ràdh gu bheil na seòlaidhean seo a' ciallachadh gum bi aig daoine ri siubhal astar nas fhaide ann an càrbad agus nach eil e iomchaidh do dhaoine a tha ag amas air turas goirid dhan eilean.

A-rèir Sheila Gilmore bho Visit Arran fhuair sgrùdadh a rinnear le gnothachasan eileanach gun deach luach £80,000 a chall taobh a-staigh trì là.

"Tha sin fhèin ag innse dhut a' bhuaidh a th' aige. Agus tha seo a' tachairt suas chun 17mh den Chèitean," thuirt i.

Thuirt CalMac gu robh an obair-càraidh air an Loch Seaforth a' dol a-rèir a' chlàr-ama.

Thuirt Àrd-stiùiriche ChalMac, Robbie Drummond, gu robh e duilich airson nan atharrachaidhean san t-seirbheis.

"Tha sinn ag obair gu dlùth le gnìomhachasan ionadail airson dèanamh cinnteach gu bheilear a' coileanadh nan iarrtasan siubhail.

"Tha mi gu math taingeil gu bheil gnìomhachasan air a bhith taiceal, foighidinneach agus a' tuigse na cùise fhad sa tha sinn a' feuchainn ris a' chùis a rèiteach."