Covid-19 a' toirt buaidh air sgoiltean an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Tha sgoilearan aig dà sgoil ann an Inbhir Nis gan cumail fhèin fa leth air sgàth chùisean den choròna-bhìoras.
Chaidh sgaoileadh den bhìoras a dhearbhadh ann am Bun-sgoil Dhonnchaidh Fhoirbeis ann an Cùil Lodair.
Tha seo a' toirt buaidh air grunn sgoilearan is tha feadhainn air a bheil am bhìoras is cuid eile a bha faisg orra a-nise gan cumail fhèin fa leth aig an taigh 'son deich là.
A bharrachd air sin, sheall deuchainn lateral flow gu bheil aona sgoilear aig Àrd-sgoil Inbhir Nis a' fulang leis a' bhìoras.
Thathas a' feitheamh air torradh bho dheuchainn PCR, ach chaidh iarraidh air feadhainn a bha faisg air an sgoilear cumail fa leth.
Chaidh litrichean dhachaigh gu pàrantan aig an dà sgoil.