Deasbad mu iomain na Sàbaid

Air fhoillseachadh

Tha Comann na Camanachd ag iarraidh bheachdan bho na clubaichean air iar-chuairtean agus cuairtean deireannach am-bliadhna a chluich Là na Sàbaid.

Le buaidh Chovid-19 tha an Comann an dùil an seusan ùr a thòiseachadh san Ògmhios, rud a tha cuideachd a' ciallachadh nach bi na cuairtean deireannach ann aig na h-amannan àbhaisteach.

Dh'innis iad gun do dh'iarr BBC Scotland agus BBC ALBA orra cuid de na geamaichean a ghluasad gu oidhche Haoine no Là na Sàbaid gus am bi e comasach an craoladh beò air an telebhisean.

Thèid mar as trice ochd geamaichean san t-seusan a chraoladh.

Tha an Comann ag ràdh gur e spòrs amateurach a th' ann an iomain is nach urrainn dhaibh idir geamaichean a chluich oidhche Haoine.

Dh'innis iad cuideachd nach biodh iad deònach a-muigh neo a-mach cuairt dheireannach Chupa na Camanachd a ghluasad bho Dhisathairne.

Sgrùdadh

Tha iad ag ràdh ge-tà, gun dèan iad sgrùdadh mu gheamaichean air an t-Sàbaid.

Thuirt an Comann gun deach bruidhinn air seo roimhe is gu bheil am bòrd-stiùiridh "mothachail gu bheil cuibhreann nach beag de choimhearsnachd na h-iomain gu làidir an aghaidh gheamaichean air an t-Sàbaid".

A dh'aindeoin sin, thuirt iad gu bheil na dùbhlain a th' ann ri linn Chovid-19 a' fàgail gum feum iad coimhead ris.

'S e iar-chuairtean Chupa na Camanachd agus cuairtean deireannaich Chupa MhicAmhlaigh, Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu is Cupa MhicThàmhais na geamaichean a dh'fhaodadh a bhith air an gluasad gu Là na Sàbaid.

Thuirt Comann na Camanachd gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil grunn cheistean ann mun chùis is gu bheil iad air a dhèanamh follaiseach dhan BhBC gum beachdaich iad air seo a thaobh seusan 2021 a-mhàin.

Dh'innis iad gu bheil buannachdan mòra an cois gheamaichean air an telebhisean, le cothrom ann airgead a thoirt a-steach is daoine ùra a thàladh chun na spòrs, a thuilleadh air cothrom do chluicheadairean na sgilean aca a thaisbeanadh air àrd-ùrlar tòrr nas motha.

Sùbailteachd

Thog iad ceist cuideachd mu dè thachras mura tèid geamaichean a chraoladh am-bliadhna is cunnart ann gum bi lùghdachadh ri linn sin anns na bliadhnaichean ri thighinn.

Tha seachdain aig na clubaichean is buidhnean a tha a' ruith cuid de na farpaisean gus meòrachadh air an t-suidheachadh.

Ged a tha iomain air a bhith ann Là na Sàbaid roimhe, tha cuid de chlubaichean air seasamh na h-aghaidh gu eachdraidheil.

Thuirt MG ALBA gu bheil e àbhaisteach conaltradh a bhith ann le buidhnean spòrs a thaobh nan dòighean as fheàrr geamaichean a thaisbeanadh.

Thuirt iad gu bheil sùbailteachd a dhìth airson sin, gu h-àraidh am-bliadhna, agus nach e rud ùr a th' ann a bhith a' conaltradh mu shùbailteachd a thaobh gheamaichean iomain.

Tha dùil ri beachd a dh'aithghearr bho BBC Scotland.