Dearbhadh cò a chaidh a lorg air cladach san Eilean Dubh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh corp a' bhoireannaich a lorg air a' chladach faisg aig Cluba-goilf na Cananaich agus Ros Maircnidh

Chaidh dearbhadh gu h-oifigeil cò am boireannach a chaidh a lorg marbh air cladach air Ghàidhealtachd bho chionn trì mìosan.

Thuirt na poilis gur e boireannach às Romania a bh' innte.

Cha do dh'fhoillsich iad a h-ainm.

Fhuairear corp a' bhoireannaich air a' chladach anns a' Chananaich san Eilean Dubh air an 30mh den Fhaoilleach, ach cha robh fios aig na poilis cò i.

Dh'fhoillsich iad ìomhaigh dhith, air a chruthachadh le coimpiutair, sa Mhàirt mar phàirt de dh'iomairt phoblach fiosrachadh fhaighinn.

Thuirt na poilis gu robh fios aca a-nis gur e boireannach Romanianach a bh' innte agus gun d' fhuair iad fios air an 22mh den Mhàrt gu robh i air a dhol a dhìth.

Chan eil iad a' làimhseachadh a bàis mar chùis amharasach agus chaidh aithisg gu Neach-casaid a' Chrùin.

Thuirt an Det Insp Craig Still: "Tha ar smuaintean le teaghlach a' bhoireannaich agus a caraidean. Tha na h-oifigearan air fiosrachadh a chumail riutha agus dh'iarr fois aig an àm-sa.

"Tha mi airson an cothrom seo a ghabhail airson taing a thoirt dhan h-uile duine a thàinig thugainn le fiosrachadh no a chuidich leis an rannsachadh seo sna seachdainean bho chaidh a lorg."