Deasbad mu chìsean cumhachd 'son carbadan dealain air Ghàidhealtachd

Published

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' beachdachadh air iarraidh air daoine pàigheadh airson a bhith a' cleachdadh uidheamachd airson cumhachd a chur dha na càraichean dealain aca.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gu bheil a bhith a' tabhann dealain an asgaidh a' cur uallaich air a' bhuidseat aca agus nach eil e an asgaidh ann an sgìrean comhairle eile ann an Alba.

Tha 50 àite aig Comhairle na Gàidhealtachd far am faigh daoine air dealan a chur dha na càraichean aca - sin a dhà uidhir air na bh' ann ann an 2018.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gum faodadh am figear sin dùblachadh ro dheireadh na bliadhna.

A rèir oifigearan tha an àireamh dhaoine a tha gan cleachdadh ag èirigh cuideachd - rud a tha iad ag ràdh a tha na chomharra math gu bheil barrachd chàraichean dealain sa sgìre.

Ach thug iad rabhadh cuideachd gum faodadh gun cosg an t-seirbheis £100,000 sa bhliadhna a dh'aithghearr - suim a bhios duilich dhan chomhairle giulan.

Thèid a' chùis a dheasbad le Comataidh na h-Eaconamaidh sa Bhun-structair Diciadain.

Thathas a' moladh dha na buill bhòtadh airson cìsean a chur an sàs air an 1mh den Ògmhìos.