Cobhair sa Mhonadh Ruadh le taic bho Theagsas

Published
image copyrightGeograph

Rinn sgioba-teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh cobhair air boireannach a chaidh a ghoirteachadh 's i a-muigh a' sgìtheadh an àite iomallach an dèidh mar a chaidh siognail rabhaidh bhon uaireadair "smart" aice a thogail sna Stàitean Aonaichte.

Tha dùil gur e seo a' chiad turas a chaidh luchd-teasairginn a ghairm a-mach le uidheam mar seo.

'S e ionad co-òrdanachaidh ann an Houston ann an Teagsas a thog an siognail rabhaidh bho uaireadair a' bhoireannaich, agus dh'fheuch iad ri fònadh gu a màthair leis gur i a bha ainmichte mar neach-fios airson suidheachadh èiginneach.

Bha ise, ge-tà, dhen bheachd gur e oidhirp a mealladh a bh' ann nuair a chùm iad orra a' fònadh thuice agus chuir i bacadh air an àireamh.

Bha an nighean aice a' sgìtheadh le caraidean ann an Coire Raibeart air cùl a' Chàirn Ghùirm nuair a thuit i agus ghoirtich i a gualann.

Thug heileacoptair nam maor-cladaich gu Ospadal an Rathaig Mhòir an Inbhir Nis i an dèidh na tubaiste feasgar Dihaoine.

Fhuair sgioba-teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh taic bho dhithis de sgioba-teasairginn Dhùn Dòmhnaill a bha san sgìre aig an àm le caraid dhaibh a bha an sàs san iomairt theasairginn mar bhall de sgioba a' Mhonaidh Ruaidh.