Cò na pàrtaidhean a tha a' seasamh san taghadh Albannach?

Published

Tha a' chuid as motha de dhaoine air pailteas a chluinntinn thar nan seachdainean a dh'fhalbh mu na còig prìomh phàrtaidhean ann am poiletaigs na h-Alba - na pàrtaidhean a tha mar-thà air soirbheachadh ann a bhith a' cur bhall gu Holyrood.

'S iad sin Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba, Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, Uainich na h-Alba agus Lib Deamaich na h-Alba.

Tha na ceannardan aca air a bhith a' gabhail pàirt ann an deasbadan telebhisein, rim faicinn ann an aithrisean naidheachd ann am farsaingeachd de shuidheachaidhean, a' foillseachadh mhanifestothan agus a' sgaoileadh an cuid theachdaireachdan gu làitheil airson cha mhòr dà mhios a-nis.

Dè mu dheidhinn nam pàrtaidhean eile ge-tà?

Tha 26 pàrtaidh a' cur air adhart thagraichean san taghadh seo cuid dhiubh a' seasamh air na liostaichean roinneil a-mhàin, feadhainn eile le tagraichean cuideachd air liostaichean nan sgìrean taghaidh fa leth.

Tha sinn eòlach gu leòr air cuid de na pàrtaidhean eile cuideachd.

Bheir sinn sùil orra an seo ann am barrachd doimhneachd.

Pàrtaidh Alba

Fhuair am pàrtaidh seo tòrr aire air feadh nam meadhanan, nuair a thàinig e am follais goirid mus do thòisich iomairt an taghaidh gun robh seann Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, air pàrtaidh ùr a stèidheachadh.

Bidh iad a' seasamh air an liosta roinneil a-mhàin, chan eil tagraichean sam bith aca a' seasamh ann an sgìrean fa leth.

Tha iad a' cur ìmpidh air luchd-taic neo-eisimeileachd an dàrna bhòt aca a thoirt dhaibh ann an oidhirp sàr-mhòrchuid, neo 'super majority' fhaighinn airson neo-eisimeileachd san ath phàrlamaid.

Gheibhear am manifesto aca an seo.

All for Unity

Tha ceannard All for Unity, Seòras Galloway, cuideachd aithnichte ann am poileataigs na dùthcha.

Tha am pàrtaidh seo ag iomairt an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba agus tha iad a' cur romhpa caidreachas thar-phàrtaidh a stèidheachadh aig Holyrood a chuireas stad air dàrna reifrinn air neo-eisimeileachd.

Gheibhear am manifesto aca an seo.

Caidreachas airson Saorsa

Tha an Caidreachas airson Saorsa, neo Freedom Alliance ag iomairt an aghaidh bhacaidhean air saorsa, gu h-àraid bacaidhean a' Choròna-bhìorais.

Tha iad den bheachd gu bheil bacaidhean a' Choròna-bhìorais air barrachd cron adhbharachadh dhan dùthaich na am pandemic fhèin.

Seasaidh iad air gach liosta roinneil, agus tha iad cuideachd a' cur thagraichean air adhart ann an ceithir sgìrean taghaidh fa leth cuideachd.

Gheibhear am manifesto aca an seo.

Pàrtaidh teaghlaich na h-Alba

Tha Pàrtaidh teaghlaich na h-Alba a' seasamh air gach liosta roinneil, agus tha iad cuideachd a' cur thagraichean air adhart ann an seachd sgìrean-taghaidh fa leth.

Tha iad ag amas air beatha an teaghlaich a neartachadh ann an oidhirp fuasgladh fhaighinn air trioblaidean leithid mì-fheum dhrogaichean, slàinte-inntinn, eucoir agus bochdainn.

Gheibhear am manifesto aca an seo.

Reform UK

Bidh cuid de dhaoine nas eòlaiche air Reform UK fon t-seann ainm aca - Pàrtaidh Brexit, a chaidh a steidheachadh le Nigel Farage.

Chaidh am pàrtaidh a chur air bhonn an tòiseach gus feuchainn ri Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach.

Tha iad a-nis ag amas air mar a tha an riaghaltas a' dèiligeadh ri staing a' Choròna-bhìorais agus tha iad airson cìsean a lùghdachadh agus an dèanamh nas sìmplidhe airson an eaconomaidh a bhrosnachadh.

'S i Michelle Ballantyne a bha roimhe na BPA Tòraidheach a tha os cionn a' phàrtaidh an Alba.

Gheibhear am manifesto, neo 'cùmhnant leis an t-sluagh' aca an seo.

UKIP

Agus tha sin gar toirt gu UKIP - pàrtaidh anns an robh Nigel Farage cuideachd an sàs fad iomadh bliadhna, agus a bha cuideachd ag amas air Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach.

Tha UKIP a-nise ag amas air cur às do phàrlamaid na h-Alba gus airgead a chùmhnadh. Tha iad cuideachd a' cur an aghaidh ghlasaidhean sluaigh, ag iarraidh "poileasaidhean ciallach" nan àite.

Gheibhear am manifesto aca an seo.

Pàrtaidhean eile

Tha na pàrtaidhean a leanas uile a' cur thagraichean air adhart ann an taghadh pàrlamaid na h-Alba 2021.

Chan eil smachd aig a' BhBC air stuthan sam bith a nochdas air làraich-lìn eile.

Independent Green Voice

Vanguard Party