Mearachd siognailidh a chuir trèana far na rèile
- Air fhoillseachadh
Thàinig e am bàrr gun deach trèana far na rèile air a' Ghàidhealtachd nuair a chaidh a ghluasad bho aon loidhne gu loidhne eile air sgàth mearachd siognailidh.
Cha deach duine a ghoirteachadh san tubaist faisg air Dail Chuinnidh bho chionn cola-deug.
Bha an trèana an sàs ann an deuchainnean nuair a thachair an tubaist mu 03:00m air an 10mh là den Ghiblean.
Bha e a' siubhail aig còrr is 30msu nuair a chàidh pàirt aig a' chùl far na rèile.
Bha còignear air bòrd aig an àm is cha deach duine a ghoirteachadh.
Troimhe-chèile
Dh'fhàg an tubaist gun robh troimhe-chèile air seirbheisean eadar Peairt is Inbhir Nis fad grunn làithean.
Tha Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Rèile a-nise a' rannsachadh a' ghnothaich.
Thuirt iad gun deach an trèana bho aon loidhne gu loidhne eile leis nach robh na puingean mar a bha còir.
Tha iad airson faighinn a-mach carson nach do dh'innis an siostam siognailidh gun robh na puingean san àite cheàrr.
Thèid coimhead cuideachd air ciamar a bha e comasach dha na puingean gluasad fhad 's a bha an trèana a' gluasad tarsainn orra.