Ceist mu chosgaisean an A83
- Air fhoillseachadh
Nochd ceist mu na cosgaisean airson luchd-comhairleachaidh mar phàirt den phròiseict gus an Rest and Be Thankful a leasachadh.
Tha an A83 air a bhith dùinte tric is minig aig an Rest air sgàth mhaoimean-slèibhe.
Dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba air a' mhìos seo chaidh gum bu chòir rathad ùr a stèidheachadh faisg air an rathad a th' ann tro Ghleann a' Chrò.
Bha sin às dèidh dhaibh co-chomhairle a dhèanamh air grunn roghainnean 'son na slighe.
Dh'innis Còmhdail Alba gu bheil iad a-nis 'son luchd-comhairleachaidh fhastadh 'son na pròiseict.
Thuirt iad gu bheil feum air "luchd-comhairleachaidh le eòlas farsaing gus sgeama a dhealbh a bheir seachad fuasgladh maireannach, dìonach aig an làraich seo".
Thuirt iad gur dòcha gum biodh luach na h-obrach suas ri £25m thairis air 10 bliadhna.
Tagraidhean
Tha cothrom aig companaidhean comhairleachaidh ùidh a nochdadh san obair ro 12mh den Chèitean.
Ach tha cuid ann an Earra-Ghàidheal air dragh a thogail mu na cosgaisean.
Thuirt Mata Mundell bhon companaidh B. Mundell Haulage ann an Ìle gu bheil companaidhean bathair is muinntir Earra-Ghàidheal san fharsaingeachd mar-thà a' faighinn tàire uabhasach leis an t-suidheachadh air an A83.
Tha e a' cumail a-mach nach eil cosgais na h-obrach seo ceart idir.
"Tha £25m fada fada cus airson luchd-comhairleachaidh", thuirt Mgr Mundell.
"Feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil iad iad mar-thà air £15m a chosg air obair-sgioblachaidh aig an Rest is air dòighean eadar-email gus an rathad a dhìon.
"Sin a thuilleadh air £8,000 gach là gus an siostam conbhoidh a ruith. Tha iad ag ràdh an seo £25m thairis air 10 bliadhna ach chan eil ceann-là stèidhichte ann is bhiodh cothrom ann an ùine a leudachadh", thuirt e.