Iomagain mun Ghàidhlig an Glaschu

Air fhoillseachadh

Tha iomagain air pàrantan ann an Glaschu gum fuiling leasachadh na Gàidhlig sa bhaile às dèidh dhan Chomhairle na h-àireamhan a gheibh foghlam sa chànan a chuingealachadh.

Dhearbh Comhairle Baile Ghlaschu nach fhaigh àite ann an clas a h-aon bhon Lùnastal am-bliadhna ach 140 duine cloinne.

Tha seo a' ciallachadh, 'son a' chiad uair bho thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu, gum bi feadhainn ann nach fhaigh e.

Bidh 13 daoine san t-suidheachadh sin am-bliadhna.

Tha pàrantan a' togail dragh nach bi cuid idir cho deònach an cuid cloinne a chur dhan sgoil-àraich às dèidh seo is ceist orra am bi àite ann dhaibh anns a' bhun-sgòil.

Tha foghlam Gàidhlig air soirbheachadh gu mòr ann an Glaschu anns na bliadhnaichean mu dheireadh is trì bun-sgoiltean ann a thuilleadh air àrd-sgoil, is dùil ris a' cheathramh bun-sgoil air taobh sear a' bhaile ann an 2024.

Duilgheadas

'S e am fàs a tha sin, a rèir na Comhairle, a tha a' fàgail gum feum iad na h-àireamhan am-bliadhna a chuingealachadh.

Dh'innis an t-ùghdarras ionadail ma 's e is gun tig còrr is 140 duine cloinne a-steach gu FTMG anns na trì bun-sgoiltean am-bliadhna, nach biodh àite dhaibh uile san àrd-sgoil mar a tha e an ceann seachd bliadhna.

Thuirt iad gu bheil iad mothachail gum feum iad an àrd-sgoil a leudachadh.

Tha an fheadhainn nach d' fhuair àite ann am foghlam Gàidhlig am-bliadhna air liosta feitheimh is tha pàrantan air ath-thagradh a dhèanamh.

Thathas a' tuigsinn gu bheil a' Chomhairle a' coimhead ri fuasgladh eadar-amail le aonad Gàidhlig ùr a stèidheachadh ann an sgoil eile do chloinn nach fhaigh àite anns na trì bun-sgoiltean Gàidhlig.

Tha e follaiseach ge-tà, nach tachair sin am-bliadhna.

Dh'innis a' Chomhairle cuideachd gu bheil casg a' dol air a h-uile sgoil a h-uile bliadhna.

Ach chan eil pàrantan sa bhaile air an dòigh is iad ag ràdh gu bheil an casg mì-chothromach.

Ullachadh

Thuirt iad gun robh e follaiseach 'son bhliadhnaichean gun robh an t-iarrtas 'son FTMG ann an Glaschu a' sìor fhàs is gun robh còir aig a' Chomhairle a bhith ullaichte.

Nochd Comann nam Pàrant sa bhaile dragh mun bhuaidh air a' chànan ann an Glaschu.

"Tha fàs air a bhith ann a h-uile bliadhna", thuirt cathraiche Chomann nam Pàrant ann an Glaschu, Eilidh NicFhionghuin.

"Ma chuireas sinn stad air daoine bho a bhith a' faighinn a-staigh airson fiù 's a dhà no trì bliadhnaichean, 's dòcha gum bi e ag adhbharachadh an aon rud a bhith a' tachairt às dèidh sin, gum bi na h-àireamhan a' tuiteam.

"Tuigidh tu nach biodh pàrantan airson a dhol a-staigh gu sgoil-àraich mura h-eil fios ann le cinnt gum faigh iad àite ann am bun-sgoil le Gàidhlig às dèidh sin", thuirt i.

Thuirt Comhairle Baile Ghlaschu gu bheil iad a' cur luach mòr sa Ghàidhlig is nach eil iad 'son FTMG a chumail bho dhuine sam bith.