Loch Seaforth dheth gu co-dhiù 17mh Cèitean

Air fhoillseachadh

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn nach eil dùil gum bi an MV Loch Seaforth air ais ann an seirbheis gu co-dhiù an 17mh là den Chèitean.

Tha obair-càraidh ga dèanamh air an t-soitheach ann an Glaschu an dèidh do dh'fhear de a h-einnseanan briseadh air a' 14mh là den Ghiblean.

Tha an MV Isle of Arran a' toirt seachad seirbheis bhathair eadar Steòrnabhagh is Ulapul an-dràsta, fhad 's a nì an MV Isle of Lewis seirbheis do luchd-siubhail air an t-slighe.

Thuirt CalMac gun deach clàr-ama a chur air dòigh leis an MV Lord of the Isles a leigeas le maorach a bhith air a chur gu Tìr-Mòr à Barraigh agus Uibhist a Deas ann an àm, agus an MV Isle of Lewis, as àbhaist a bhith air slighe Loch Baghasdail - Malaig air a cur gu slighe Steòrnabhaigh.

"Gu follaiseach tha call an MV Loch Seaforth, agus a' bhuaidh a tha sin air toirt air na seirbheisean againn air buaireadh mòr adhbharachadh do luchd-siubhail, agus tha sinn duilich dha-rìribh mu dheidhinn seo," thuirt Àrd-Stiùiriche ChalMac, Robbie Druiminneach.

"Tha sinn ag obair gu dlùth le gnothachasan ionadail a dhèanamh cinnteach gu bheil an t-iarrtas airson siubhail ga fhreagairt, agus tha mi air leth taingeil dhaibhsan airson an cuid taic, foighdinn agus tuigse fhad 's a dhèiligeas sinn ris an t-suidheachadh seo.

"Tha sinn misneachail gum bi an MV Loch Seaforth air ais ann an seirbheis an ceann beagan sheachdainean, agus bidh clàr-ama àbhaisteach an t-Samhraidh air ais an sàs mar a bha dùil".