Manifesto nan Làbarach air fhoillseachadh

Published
media captionAlasdair Moireasdan a' bruidhinn air Manifesto nan Làbarach.

Dh'iarr ceannard Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, Anas Sarwar, air an dùthaich tighinn ri chèile air cùlaibh plana ath-shlànachaidh nàiseanta 's e a' foillseachadh manifesto an taghaidh aca.

Thuirt Mgr Sarwar gu bheil Alba airidh air nas fheàrr na "an t-seann phoilitigs" 's e ag iarraidh gum bi aire na Pàrlamaid air "na bheir còmhla sinn, seach na sgaireas sinn".

"Na cuireamaid seachad an ath-chòig bliadhna a' ruith thairis air seann argamaidean, no cuin a bu chòir bhòt a chumail, no cath sna cùirtean. Cuireamaid seachad an ath-chòig bliadhna a' càradh na dùthcha," thuirt e.

Faodar am manifesto aca a leughadh an seo

Tha plana nan Làbarach airson an dùthaich a chur air ais air a casan an dèidh Chovid air a roinn ann an còig earrainnean - cosnaidhean, an NHS, foghlam, a' ghnàth-shìde agus coimhearsnachd.

Poileasaidhean "Cruth-atharrachail"

Na mheasg tha gealltanas air cosnadh do gach Albannach òg, agus in-ionmhas gus cuideachadh le gnothachasan na h-àrd-shràide faighinn seachad air staing a' Choròna-bhìorais.

Tha iad cuideachd airson boireannaich a bhrosnachadh a dhol an sàs ann an saoghal na h-obrach.

Rachadh cuideachd maoineachadh a chur ris an NHS gus cùram aillse a chur air ais air dòigh; plana airson na sgoiltean fhaighinn seachad air na duilgheadasan a tha Covid air adhbharachadh, agus in-ionmhas airson cosnaidhean uaine.

Tha am pàrtaidh ag ràdh gu bheil poileasaidhean "cruth-atharrachail" a tha ag amas air "atharrachadh a thoirt air beatha dhaoine - ann an dòighean mòra agus beaga".

Am measg nam poileasaidhean a tha sa mhanifesto aca, tha:

  • "ath-shlànachadh chosnaidhean" le gealltanas air obair do dhaoine òga agus dhaibhsan a tha gun chosnadh
  • a bhith ag obair a dh'ionnsaigh bun-teachd-a-steach gus cuideachadh cur às do bhochdainn
  • eàrlais £75 do gach inbheach mar oidhirp air "àrd-shràidean na h-Alba a shàbhaladh"
  • Cothom do dh'Albannaich air an treas oidhche ann an àite-fuirich saor-làithean gus taic a thoirt do ghnìomhachas na turasachd
  • Plana pearsanta gus a h-uile sgoilear san dùthaich a thoirt chun na h-ìre far am biodh iad mura robh am Pandemic air maill a chur air an cuid foghlaim, le oideachadh pearsanta ri fhaghinn do chloinn aig a h-uile aois
  • Seirbheisean an NHS a chur "air ais an òrdugh", le prìomhachas do dh'euslaintich aillse agus cùraim
  • neach-obrach slàinte-inntinn fhastadh airson gach ionad-dotair, agus pàigheadh luchd-cùraim àrdachadh gu £12 san uair.

Tha am pàrtaidh airson gun tèid 200,000 dachaigh sòisealta a thogail, a bhios neo-chàrbonach, thairis air deich bliadhna, 's airson gun tèid an lagh ath-leasachadh gus an gabh fearann ceannach airson taigheadais shòisealta air an luach a th' air an-dràsta.

Thuirt Mgr Sarwar gu bheil 10,000 teaghlach air feadh an h-Alba a' caoidh chàirdean ri linn Chovid, 's gu bheil mòran a bharrachd le iomagain mu aillse, slàinte-inntinn an cuid chloinne, no co-dhiù tha obair aca dhan till iad.

"Tha na dùbhlain a tha mu ar coinneimh mòr dha-rìribh, agus feumaidh sinn obrachadh còmhla. 'S e fìrinn na cùse gu bheil poilitigs sgaraidh air bochdainn agus neo-ionnanachd a dhèanamh nas miosa," thuirt e.

"Chan fhaod sinn leigeil leis a' phoilitigs againn cumail a' dol mar seo airson còig bliadhna eile. Tha an t-àm ann sgur dhen t-seann phoilitigs. Tha Alba airidh air nas fheàrr

"Smaoinichibh air na choileanamaid nan tigeamaid ri chèile 's ar n-aire air na bheir còmhla sinn, seach na sgaireas sinn o chèile".

Tha Pàrtaidh Làbarach na h-Alba a' cur an aghaidh neo-eisimeileachd agus an dàrna referendum, leis a' mhanifesto aca ag ràdh gur e an rud mu dheireadh a tha a dhìth air an dùthaich ach "an tuilleadh buairidh bhun-reachdail agus mì-sheasmhachd eaconomaich".

Cha chuireadh am pàrtaidh taic, thuirt iad, ri referendum ann am beatha na h-ath Phàrlamaid, ach thuirt iad gu bheil an RA a' feumachdainn "ath-nuadhachadh deamocrataich agus eaconomaich".

"Feumaidh an Rìoghachd Aonaichte obrachadh a chum maith gach pàirt den dùthaich againn agus, an-dràsta, chan eil e.

"Tha sinne den bheachd gu bheil Alba ath-nuadhaichte gu deamocratach agus gu h-eaconomach nas làidire an lùib Rìoghachd Aonaichte ath-nuadhaichte gu deamocratach agus gu h-eacomomach."

Tha am manifesto cuideachd a' moladh "rèite ùr" do riaghaltas ionadail, le tuilleadh chumhachdan air am putadh a-mach gu comhairlean, 's nas lugha air a chruinneachadh aig Holyrood.

Tha iad cuideachd a' gealltainn cùram cloinne an asgaidh a leudachadh gu 50 uair de thìde san t-seachdain do gach pàiste, 's iad ag ràdh gu bheil sin deatamach airson dèiligeadh ris an "sgainneal nàiseanta" de bhochdainn chloinne, agus cuideachd airson piseach a thoirt air an eaconomaidh an dèidh Chovid le bhith a' saoradh barrachd phàrantan airson tilleadh a dh'obair.

Thòisicheadh an leudachadh air cùram cloinne an asgaidh le fòcas air a' chuid as so-leòinte de chloinn eadar 1 agus 2 bhliadhna de dh'aois, 's leudaicheadh e gach bliadhna thar an ath chòig bliadhna.