Ionad deuchainn ùr Chovid-19 an Inbhir Nis

Published

Thòisich sgeama ùr ann an Inbhir Nis a tha a' tabhainn dheuchainnean Chovid-19 air daoine gun chomharran.

Tha ionad gu bhith stèidhichte taobh a-muigh prìomh oifisean Comhairle na Gàidhealtachd sa bhaile gu deireadh na h-ath-sheachdain.

Tha e am measg trì ionadan de a leithid a th' aig NHS na Gàidhealtachd is Comhairle na Gàidhealtachd is a ghabhas a chur gu feum air feadh na sgìre.

Thuirt na buidhnean gu bheil cunnart ann gun sgap daoine air a bheil Covid-19 gun chomharran sam bith am bhìoras sa choimhearsnachd gun fhiosta dhaibh.

Luath

Dh'innis iad mar sin gu bheil e cudromach gum bi deuchainnean ann do dhaoine gun chomharran, is iad ag ràdh gu bheil iad air co-dhùnadh gu bheil e freagarrach ionad a chur air dòigh ann an meadhan Inbhir Nis an-dràsta.

Tha e stèidhichte ann am pàirc chàraichean Comhairle na Gàidhealtachd, mu choinneimh ionad a bh' ann mar-thà do dhaoine le comharran.

Cha leigear a leas deuchainn a chur air dòigh ro-làimh, is bidh an t-ionad fosgailte eadar 09:30m is 5:00f eadar Diardaoin is Disathairne, is a-rithist eadar Diluain is Dihaoine fad na seachdain seo tighinn.

'S e deuchainnean lateral flow a bhios ann is gheibh daoine torradh an deuchainn goirid às dèidh làimh air post-d no teacsa.