Chan eil soithichean eile rim faighinn: CalMac

Published

Thuirt Caledonian Mac a' Bhruthainn nach eil soithichean eile rim faighinn air mhàl an-dràsta a bhiodh freagarrach dhaibh.

Tha troimh-chèile às ùr ann an lìonra na companaidh agus an Loch Seaforth air a dhol gu doc is fear de a h-einnseanan air fàiligeadh.

Tha an MV Isle of Lewis air a dhol na h-àite eadar Steòrnabhagh is Ulapul agus thòisich seirbhis bathair air an oidhche air an deireadh-sheachdain cuideachd.

Chaidh clàr-ama bathair a chur an sàs gu Diciadain 's dh'innis CalMac gun tèid fiosrachadh a sgaoileadh cho luath 's a ghabhas mu dè na seirbheisean a bhios ann às dèidh sin.

Thuirt fear de stiùirichean na companaidh, Raibeart Moireasdan, gu bheil e air a bhith na phrìomhachas dhaibh seirbheis bathair a thòiseachadh.

Màl

Ach a dh'aindeoin an uallaich air an lìonra, thuirt CalMac nach bi iad a' faighinn bhàtaichean eile air mhàl.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad air sgrùdadh a dhèanamh 's nach eil soithichean eile a bhiodh freagarrach dhaibh idir rim faighinn air mhàl an-dràsta.

Dh'innis iad cuideachd gu bheil e ro thràth innse dè chaidh ceàrr le einnsean an Loch Seaforth is gun tèid rannsachadh farsaing a dhèanamh.

Thuirt iad gu bheil iad mothachail gu bheil suidheachadh an Loch Seaforth air buaidh mhòr a thoirt air cuid de ghnothachasan gu sònraichte is gu bheil iad a' conaltradh riutha sin.

Gheibhear am fiosrachadh às ùr mu sheirbheisean ChalMac an seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo