Manifesto nan Lib-Deamach air fhoillseachadh

Published
media captionNiall Mitchison a' bruidhinn mu Mhanifesto nan Lib Deamach.

Dh'fhoillsich Libearalaich Dheamocratach na h-Alba am manifesto airson taghadh Holyrood le gealltanas gun toir iad prìomhachas do dh'ath-thogail na h-eaconomaidh an dèidh Chovid.

Thuirt ceannard a' phàrtaidh Willie Rennie gun deadh an dùthaich "a tharraing sìos" nan deadh referendum eile a chumail air neo-eisimeileachd anns an èiginn slàinte agus eaconomaich as miosa ann an ceud bliadhna.

Thuirt e, an àite sin, gun cumadh na Lib-Deamaich an aire air cosnaidhean, slàinte-inntinn, an NHS, sgoiltean agus èiginn na gnàth-shìde.

Thuirt am pàrtaidh gu bheil iad misneachail gun toir iad seataichean bhon SNP air an 6mh Cèitean.

Faodar am manifesto slàin a leughadh an seo

Tha am manifesto a' cur cuideim mhòir air slàinte-inntinn, a th' air a bhith na prìomhachas aig na Lib-Deamaich anns na taghaidhean mu dheireadh.

An lùib plana a' phàrtaidh tha barrachd speisealaich slàinte inntinn a thrèanadh airson ionadan coimhearsnachd, ospadail, àiteachan obrach agus sgoiltean, 's dèanamh cinnteach gun tèid 15% de mhaoineachadh ùr slàinte a chosg air slàinte inntinn.

image copyrightPA Media

Tha iad cuideachd a' moladh plana ghnìomha èiginneach gus cuideachadh leis an NHS faighinn seachad air a' Phandemic, le taghadh nas fharsainne de sheirbheisean slàinte gan tabhann ann an coimhearsnachdan ionadail.

A thaobh foghlaim, tha plana aig a' phàrtaidh a tha iad ag ràdh a dhèiligeas ris an "fhearg mhòr a th' air mòran den phoball mu bheàrn soirbheachais, le ceangal ri bochdainn, a th' air nochdadh fon SNP".

Tha iad ag iarraidh gun tèid barrachd taice san t-seòmar teagaisg a thoirt do chloinn a tha feumach air, a thuilleadh air cosnadh dearbhte do gach tidsear, agus leudachadh air tràth-ionnsachadh agus cùram cloinne an asgaidh gus pàistean aois dà bhliadhna a thoirt a-steach.

Dheadh oidhirp às ùr a dhèanamh gus piseach a thoirt air comasan litreachaidh agus àireamhachais, 's gheibheadh clann foghlam stèidhichte air cluich gu aois seachd, cleas na thachras anns na dùthchannan Lochlannach.

Tha am manifesto cuideachd ag ràdh gu bheil barrachd cinnt agus soilleireachd a dhìth air gnothachas an dèidh "bhliadhnaichean de sgaradh a thaobh referenduman agus buaidh a' Phandemic".

Am measg phoileasaidhean a' phàrtaidh tha cosnadh dearbhte do gach duine aois eadar 16 agus 24, sgeama ùr Bhannan Trèanaidh Albannach luach suas gu £5,000 gus taic a thoirt do dhaoine an dreuchdan atharrachadh.

Dheadh gearraidhean cìse a thabhann air gnothachasan na h-àrd-shràide gus an cuideachadh ann a bhith a' farpais ri companaidhean air-loidhne.

Tha na Lib-Deamaich ag ràdh gu bheil iad airson "an cultar gnothachais as eagsamhaile san Roinn Eòrpa" a thoirt do dh'Alba, barrachd bhoireannach a bhrosnachadh a dhol an sàs ann an gnothachas, agus dèanamh cinnteach gu bheil Alba "tarraingeach mar àite fuirich agus obrach dhaibhsan a thig ann bhon chòrr den Rìoghachd Aonaichte, an EU agus àiteachan eile".

A thaobh èiginn na gnàth-shìde, tha am manifesto a' cur an cèill cheumannan ùra airson dèiligeadh ris, leithid millean dachaigh bhlàth ùr a chruthachadh san ath-dheich bliadhna nach bi a' sgaoileadh truailleadh sam bith, còmhdhail a ghluasad gu cumhachd an dealain, agus nàdar a chàradh.

Anns an ro-ràdh aige don mhanifesto, tha Mgr Rernnie ag ràdh nach iarradh a' mhòr-chuid de dhaoine, ge b' e dè am beachdan air neo-eisimeileachd, gun deadh referendum eile a chumail "air earball na h-èiginn slàinte agus eaconomaich as miosa ann an ceud bliadhna".

"Chan e seo an t-àm leantainn leis a' bhlàr nimheil, shearbh, eadar an SNP agus na Tòraidhean, agus eadar na diofar earrainnean den ghluasad nàiseantach, a tha a' tarraing Alba sìos.

"Chan fhaodar daoine a tha a dhìth obair, euslaintich san NHS agus sgoilearan sna sgoiltean fhàgail a' feitheamh fhad 's a thilleas luchd-poilitigs gu bhith a' trod mu neo-eisimeileachd.

"'S e pàrlamaid a chuireas ar sgaraidhean a thaobh neo-eisimeileachd an dàrna taobh 's a chuireas ath-thogail an dèidh Chovid air thoiseach air gach rud eile a tha gu mòr a dhìth air daoine".