Bacaidhean siubhail gan lagachadh

Published
image copyrightGetty Images

Tha e ceadaichte a-nis do dhaoine an Alba siubhal taobh a-muigh nan sgìrean comhairle aca - fhad 's nach fhan iad an oidhche.

Chaidh cuid de bhacaidhean a' Choròna-bhìorais a thogail Dihaoine gus leigeil le teaghlaichean agus caraidean coinneachadh a-rithist.

Tha e cuideachd ceadaichte do shianar bho dhiofar dhachanan coinneachadh a-muigh.

Chaidh na bacaidhean air siubhal a lagachadh nas luaithe na bha dùil, agus na tha de chùisean den bhìoras air tuiteam.

Ach tha grunn riaghailtean eile fhathast a' seasamh.

Chan fhaodar coinneachadh ach a-muigh, agus chan fhaodar oidhche a chur seachad ann an sgìre comhairle eile - fiù 's ged a bhiodh daoine a' campachadh.

Thathas a' moladh do dhaoine a dhol gu bùidean san sgìre comhairle aca fhèin cuideachd, mura h-eil roghainn phractaigeach ann.

Ged a tha e ceadaichte do shianar, bho shia diofar dhachannan aig a' char as motha, coinneachadh a-muigh, thathas a' moladh gun coinneachadh cus, agus ciall reusanta a chleachdadh.

Thèid ceum eile a ghabhail air an 26mh den Ghiblean, nuair a dh'fhosglas na bùidean air fad, agus cuid de ghnothachasan aoigheachd.

Faodar bhon là sin oidhche a chur seachd ann an àite-còmhnaidh ma thathas a' tadhal air caraid ann am pàirt eile den dùthaich.