Taic phoilitigeach a dhìth air iomairt Chùil Lodair

Published

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba a' sireadh taic bho phàrtaidhean poilitigeach na dùthcha agus iad airson 's gun rachadh inbhe Unesco a bhuileachadh air Larach Bhlàir Chùil Lodair.

Tha 275 bliadhna ann Dihaoine bho chaidh an cath a chur, le arm a' Phrionnsa Theàrlaich Stiùbhairt a' call an aghaidh airm an Riaghaltais, a rachadh an uair sin tron Ghàidhealtachd a bhriseadh siostam sòisealta nam fineachan Gàidhealach às a chèile.

Dh'atharraich am blàr a' Ghàidhealtachd, Alba, agus Breatainn gu bràth.

'S e Urras Nàiseanta na h-Alba a tha a' coimhead às dèidh na làraich, a tha a' tàladh nan ceudan mhìltean dhaoine gach bliadhna.

Ach tha dragh air an Urras mu leasachaidhean timcheall air an làraich, is baile Inbhir Nis a' fàs.

Tha iad air manifesto fhoillseachadh a lorg taic bho phàrtaidhean poilitigeach gu h-àraid airson an iomairt aca gus Inbhe Dhualchas na Cruinne le UNESCO fhaighinn airson na làraich.

Tha iad cuideachd ag iarraidh an aon dìon fon lagh airson làraich chogaidh 's a tha seann togalaichean a' faighinn.

Thèid ceann-bliadhna a' bhlàir a chomharrachadh Disathairne, air-loidhne, air sgàth suidheachadh a' Choròna-bhìorais.