Bhàsaich fireannach ann an teine am meadhan Inbhir Nis

Published
image copyrightGetty Images

Tha fireannach air a bheatha a chall an dèidh teine ann am meadhan Inbhir Nis.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu togalach ann an sgìre Queensgate den bhaile goirid ro 03:00m Diciadain.

Dhearbh Poileas Alba gun d'fhuaireadh corp fireannaich, 57, am broinn an togalaich.

Bha trì carbadan smàlaidh agus an criuthaichean a' strì ris an teine.

Tha sgìre Queensgate fhathast dùinte dhan phoball.