MV Loch Seaforth a-mach à seirbheis

Published

Chaidh am bàt-aiseig a bhios a' seòladh eadar Ulapul agus Steòrnabhagh, an MV Loch Seaforth, a thoirt a-mach à seirbheis gu co-dhiù deireadh a' Ghiblein, agus fear de a h-einnseanan air fàiligeadh.

Thèid a toirt gu doca-tioram airson obair-càraidh.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil dùil nach till i gu seirbheis gu co-dhiù toiseach a' Chèitein.

Thèid an MV Isle of Lewis a cur air an t-slighe airson tursan tron là bho Dhiardaoin. Chaidh an t-seirbheis bhathair air an oidhche a stad gus an tig barrachd fhiosrachaidh.

"Tha sinn a' tuigsinn cho cudromach 's a tha seirbheis an luchd-siubhail agus a' bhathair air an t-slighe seo, agus dh'iarramaid air daoine ar leisgeul a ghabhail airson na buaidhe a bheir seo air an t-seirbheis sin," thuirt Stiùiriche Obrach ChalMac, Raibeart Moireasdan.

"Biodh earbsa agaibh gu bheil sinn a' dèanamh ar dìcheill gus fuasglaidhean a lorg airson an t-seirbheis a tilleadh dhan àbhaist cho luath 's a ghabhas.

"Tha sinn ag obair gu dlùth còmhla ri CMAL, leis a bheil an soitheach, agus le Còmhdhail Alba, airson dòighean a lorg airson an t-seirbheis bhathair a chumail a' dol eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

"Tha daoine a dh'iarradh siubhail an-diugh gan cur air slighean eadar-dhealaichte."